Sna latha an-diugh, chan eil ach dà sheirbheis trèana-caidil air fhàgail ann am Breatainn – an Night Riviera eadar Pennsans/Penzance agus Lunnainn Paddington agus an Caledonian Sleeper eadar 5 diofar cinn-ùidh ann an Alba agus Lunnainn Euston.
Tha na trèanaichean sin gu math feumail agus a’ toirt seachad seirbheis chudromach, ach an robh fhios agad gum b’ àbhaist tòrr a bharrachd seirbheisean a bhith ann uair?
Gu dearbha, bha lìonra gu math mòr ann.
Seo mapa a rinn BR c tòiseach nan 1980an mus deach an lìonra a ghearradh air ais gu mòr aig deireadh nan 80an/tòiseach nan 1990an.

San latha an-diugh, tha an siostam math airson daoine a tha airson siubhail eadar Alba no a’ Chòrn/Devon agus Lunnainn. Agus tha cadalaiche na Gàidhealtachd aig an Caledonian Sleeper a-nis a’ stad aig Birmingham.
Ach chan eil na trèanaichean caidil a’ frithealadh cuid de na bailtean as motha agus as cudromaiche ann an Shasainn tuilleadh. An-diugh, tha na trèanaichean gu Alba uile a’ dol taobh Prìomh Loidhne a’ Chosta an Iar ach roimhe bhiodh na trèanaichean a’ dol taobh Prìomh Loidhne a’ Chosta an Ear cuideachd le seirbheisean a’ stad aig a’ Chaisteal Nuadh, York, Doncaster agus Leeds. Agus a bharrachd air seo, bha seirbheisean ann gu Manchester is Liverpool cuideachd.
Mas e is gun robh thu airson a dhol a dh’Èirinn, bha trèanaichean caidil ann gu Caergybi/Holyhead (airson Baile Àtha Cliath) agus dhan t-Sròn Reamhair airson Latharna/Beul Feirste.
Agus a bharrachd air na trèanaichean gu Lunnainn, bha tè de na trèanaichean a’ tòiseachadh ann am Bristol agus a’ dol gu Glaschu is Dùn Èideann.
Chan eil trèana caidil sam bith sa Chuimrigh a-nis ach a bharrachd air an trèana gu Caergybi, bha trèana ann an taobh deas na dùthcha cuideachd gu Aberdaugleddau/Milford Haven, agus i a’ stad aig Caerdydd/Cardiff, Abertawe/Swansea agus Caerfyrddin/Carmarthen air an t-slighe.
Chaidh na seirbheisean a ghearradh air ais mean air mhean, gu sònraichte nuair a bhathar ag ullachadh gus na rathaidean-iariann a chur dhan Roinn Phrìobhaidich. Aig an àm sin, bha na trèanaichean a’ call airgid, bha na caraistean a’ fàs aosta agus cha robh fèill cho mòr orra ‘s a bha uair agus patrain siubhai ag atharrachadh – b’ e seo linn nan companaidhean adhair buidseit.

Ach saoil an atharraich cùisean latha de na làithean?
Tha tòrr daoine den bheachd gu bheil e ro fhada a bhith a’ dol air tursan trèana a tha nas fhaide na, can, 4 uairean a thìde agus tha fiù ’s Riaghaltas na h-Alba ag ràdh sna ro-innleachdan còmhdhail aca gu bheil e mì-reusanta a bhith an dùil gun tèid daoine, eadar Alba agus àiteachan fada air falbh mar Southampton air an trèana. Ach air an làimh eile, ma tha sinn ag iarraidh cur às do thursan-adhair taobh a-staigh na dùthcha agus gus carbon a lùghdachadh, bhiodh barrachd trèanaichean caidil feumail.
Bithear cuideachd a’ bruidhinn air daoine a tha beartach a thaobh airgid ach bochd a thaobh tìde – daoine a tha a’ dèanamh airgead gu leòr ach a tha air leth trang agus aig nach eil cus tìde saor. Bhiodh trèanaichean oidhche math dhaibh gus àm a shàbhaladh. Agus nan robh na prìsean reusanta, dh’fhaodadh iad a bhith freagarrach do dhaoine a tha bochd a thaobh an dà chuid airgead agus tìde cuideachd!
Sna làithean seo nuair a tha na companaidhean adhair cho spìocach is mosach a thaobh rùm airson bagaichean is eile, bhiodh trèanaichean caidil le tòrr mòr spàs do bhagaichean is pramaichean is eile gu math feumail.
Tha e a’ fàs doirbh tursan trèana agus taighean-òsta a cho-òrdanachadh mar thoradh air prìsean a bhios ag atharrachadh a rèir iarrtais no dynamic pricing. Ma tha thu airson trèana AGUS taigh-òsta a chur air dòigh airson turas, tha e coltach ri tàileasg 3D agus gu tric chan fhaighear trèana shaor nuair a tha taighean-òsta saor is an caochladh. Le trèanaichean caidil, chuireadh e ais do chuid den mhì-chinnt.
Tha Prìomh Loidhne a’ Chosta an Ear loma loma làn tron latha a-nis agus chan eil rùm sam bith ann airson trèanaichean a bharrachd. Sin as adhbhar gun robh, agus gu bheil HS2 a dhìth. Leis nach eil a’ phàirt as cudromaiche de HS2 eadar Birmingham agus Manchester a’ dol air adhart tuilleadh, chuireadh trèanaichean caidil air an loidhne beagan a bharrachd capacity rithe.
An till cuid de na slighean seo?
Chan eil fhios agam. Tha aiseirigh air a bhith aig trèanaichean oidhche air tìr-mòr na h-Eòrpa. Tha suidheachadh na h-àrainneachd a’ dol am miosad gu luath agus tha feum air dì-charbonachadh sa bhad. Le trèanaichean oidhche, bhiodh e na b’ fhasa gearradh air ais air seirbheisean adhair eadar bailtean mòra taobh a-staigh na dùthcha.
Leis gu bheil na rathaidean-iarainn ann am Breatainn a’ dol air ais dhan roinn phoblaich, tha a’ ciallachadh nach bi an siostam sgapte eadar na ficheadan de dhiofar chompanaidhean tuilleadh is gun gabh co-òrdanachadh a dhèanamh. Dh’fhaodadh seo a bhith cuideachail gus seirbheisean mar seo ath-bheothachadh.
Ma bhios GBR, a’ chompanaidh rèile ùr, agus na riaghaltasan a’ faicinn rathaidean-iarainn mar rud a tha cudromach dhan àrainneachd agus dhan chomann sòisealta, dh’fhaodte gum faic sinn adhartas. Air an làimh eile, ge-tà, tha feallsanachd air a bhith ann san RA bho chionn fhada gur e “tasgadh” no “inbheastadh” a nithear ann an rathaidean ach gur e “subsadaidh” a th’ anns an airgead a thoirear do na rathaidean-iarainn agus tha cuideam cha mhòr daonnan a bhith air sàbhaladh airgid seach air a bhith a’ brosnachadh gluasad-modh no modal-shift.

Nan robh mi fhèin os cionn nan seirbheisean rèile, chuirinn seirbheis eile air dòigh: trèana oidhche eadar meadhan na h-Alba agus Inbhir Thèorsa/Inbhir Ùige taobh Inbhir Nis air am biodh “An t-Arcach” a bhiodh a’ ceangail ris a’ bhàta gu Arcaibh.
Dè do bheachd fhèin? Dè na slighean trèana caidil a bu toil leat fhaicinn agus a bheil an dùil gun tèid an lìonra a lùghdachadh?
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean