Rathad-iarainn ùr gu Port-adhair Luton

Le alasdairmaccaluim

Bha sinn ann an Lunnainn air làithean-saora san Dàmhair agus chaidh sin ann air a’ phlèana gu Port-adhair London Luton.

Rinn mi sòiseòlas san oilthigh, agus nuair a smaoinicheas mi air Luton, bidh mi daonnan a’ smaoineachadh air na h-“Affluent Worker Studies” anns na 1960an – a bha a’ coimhead air luchd-obraichean chàraichean ann an Luton agus na cleachdaidhean is beachdan sòisealta agus poilitigeach aca. Agus gu dearbha chunnaic mi factaraidh Vauxhall fhad’s a bha mi ann an turas seo.

Ach chan eil sinn an seo airson bruidhinn air sòiseòlas no air càraichean – ach air trèanaichean!

B’ àbhaist dhomh a bhith ann am port-adhair Luton gu math tric aig deireadh nan 1990an oir rinn mo bhean Jenny MSc agus chuir i seachad sia mìosan an sin ag obair air a pròiseact rannsachaidh. Aig an àm sin, aig toiseach linn nan loidhnichean-adhair buidseat bha am port-adhair gu math beag – coltach ri sabhal gun mòran na bhroinn.

Nuair a bha sinn ann an turas seo, bha e gu math eadar-dhealaichte – tha e tòrr tòrr nas motha le gu leòr taighean-bìdh is bùithean ann.

Nuair a bha mi eòlach air a’ phort-adhair an toiseach, bha e pìos air falbh bhon lìonra rèile. Chaidh stèisean a thogail gus am port-adhair a fhrithealadh ann an 1999 – Luton Airport Parkway (LTN) ach tha e còrr is mhìle air falbh bhon phort-adhair agus feumar bus fhaighinn ann. Chan eil busaichean uamhasach freagarrach, oir tha am port-adhair gu math soirbheachail le 18 millean luchd-cleachdaidh gach bliadhna, tha na rathaidean timcheall air gu math trang agus gu tric feumaidh tu feitheimh greis mhòr ri bus.

Mar sin, thathar a’ togail Luton Dart (“Direct to Air Rail Transport”), rathad-iarainn eadar am port-adhar agus stèisean Luton Parkway. Tha an t-slighe ro chas – agus is dòcha ro ghoirid – airson rathad-iarainn àbhaisteach.  Mar sin, is e trèanaichean fèin-obrachail (automatic) gun dràibhear, air an tarraing le càball a bhios ann.

Dealbh den loidhne ùr
(Le Cnbrb – Own work, CC BY-SA 2.0, https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=69517094

Mairidh an turas dìreach 4 mionaidean eadar am Port-adhair agus an stèisean agus bheir e comas do dhaoine a dhol eadar Port-adhair Luton agus Lunnainn ann an leth-uair a thìde. Tha an loidhne gu bhith a’ fosgladh an ath-bhliadhna.

Tha an loidhne càr coltach ri People Mover Venice a chaidh a dhèanamh leis an aon chompanaidh.

Seo bhideo beag den loidhne:

Tha obair togail air an loidhne fhèin cha mhòr deiseil agus thathar a’ dèanamh deuchainnean air na trèanaichean agus a’ cur crìoch air an obair togail aig Stèisean Luton Parkway aig an àm seo. Chunnaic mi tè de na trèanaichean ùra fhad’s a bha mi ann – ach cha d’ fhuair mi dealbh gu mì-fhortanach.

Tha seo dìreach a’ fàgail aon cheist – carson idir nach eil ceangal-rèile air choireigin againn do phort-adhair Ghlaschu fhathast?????? DÈAN MAR-THÀ E!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico