Air ais anns an Fhaoilleach, chaidh mi air taistealachd roc is safari rèile gu Lunnainn.
Thòisich an latha leis an trèana caidil eadar Glaschu is Euston. Cha d’ fhuair mi mòran caidil oir bha mi ri eadar-theangachadh gus pàigheadh airson an turais!
Ach aig a’ cheann thall, ràinig mi Lunnainn gu slàn sàbhailte agus às dèidh dhomh tòrr mòr caffeine fhaighinn, rinn mi air a’ chiad rathad-iarainn ceart san t-saoghail.
Faisg air stèisean Euston an latha an-diugh, chaidh rathad-iarainn a thogail leis an innleadair Chòrnach ainmeil Richard Trevethick (1771-1833). Thog e cearcall beag de thrac ann an 1808 airson loco air an robh “Catch mi who can” agus b’ urrainn do dhaoine sam bith an teicneòlas sgoileil ùr seo fhaicinn agus a dhol air turas air an loidhne seo air an robh an “Steam Circus” air prìs tastain.
Bha Trevythick air a bhith an sàs ann an leasachadh einnseanan smùid gus mèinnean a dhrèanadh. Chruthaich e a’ chiad càr smùid cuideachd agus tagsaidh smùid agus bha e an sàs ann an diofar rathaidean-iarainn airson bathair ach b’ e seo a’ chiad rathad-iarainn riamh do luchd-siubhail.
Seo dealbh den rathad-iarainn. Fad bhliadhnaichean, bhathar an dùil gun deach a dhèanamh aig toiseach an 19mh linn , ach thathar a-nis den bheachd gun deach a dhèanamh san 20mh linn.

Agus seo dealbh den trèana fhèin. Agus faodar modail obrachail fhaicinn dhì aig rathad-iarainn Severn Valley ann an Sasainn.

Cha do mhair “Circus na Smùid” ach mu dhà mhìos – bha an talamh gu math bog agus bhris rèile agus gum mì-fhortanach, cha robh airgead gu leòr aig a’ Chòrnach gus a chàradh. A dh’aindeoin na h-obrach uile a rinn Trevythick, chaochail e ann am bochdainn aig a’ cheann thall.
Ach ’s ann a dhearbhaich Trevythick gun obraicheadh rathaidean-iarainn do luchd-siubhail agus chan fhada gus an robh an Stockton is Darlington agus an Liverpool is Manchester ann.
Ged nach d’ fhuair e aithne rè a bheatha, ge-tà, tha cliù aige a-nis agus tha plac ann far an robh Circus na Smùid uair.

Thog mi dealbh no dhà agus an uair sin, rinn mi air Regent Street gus Oilthigh Westminster fhaicinn far an do choinnich Nick Mason, Rick Wright agus Roger Waters air cùrsa ailtireachd aig Regent Street Polytechnic, mar a bh’ air aig an àm – an triùr a chur Pink Floyd air dòigh còmhla ri Syd Barrett. Gu mi-fhortanach, thathar ag obair air an togalach agus bha sgafalachd ann agus mar sin, cha robh am plac ri fhaicinn.
Feumaidh mi a dhol ann a-rithist – agus tha mi air faighinn a-mach bhon uair sin gu bheil plac ann do Syd Barrett ann an Lunnainn cuideachd – thèid mi ann an ath thuras!
Seo dhealbh den phlac bhon eadar-lìon.

Ri leantainn … Big Audio Dynamite, Dire Straits, New Cross and New Cross Gate, meur-loidhne Greenford agus tram-bhusaichean.
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean