Not Enough Words: language acquisition and identity work in tertiary-level Gaelic-medium education.

Le lasairdhubh

Seo clàradh dhen phrìomh òraid a rinn mi aig co-labhairt bhliadhnail a’ Foundation for Endangered Languages dà sheachdain air ais. B’ ann innte a bhruidhinn mi air Sabhal Mòr Ostaig agus air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre an oilthighe.

Tha mi a’ creidsinn gu làidir anns a’ Cholaiste. Tha i sònraichte, agus mar a thuirt mi aig deireadh na h-òraid, tha mi am beachd gu bheil i a’ cur gu mòr ri neart na Gàidhlig:

A college that not only teaches about a minority language, but that also functions in that language, can serve as a revitalizing site of language use, as an organizing node in networks of minority-language speakers, and also, as a powerful site for ideological clarification in the context of a broader language-revival social movement. Establishing new sites of minority-language use is always a challenge, and no less so on a college campus like Sabhal Mòr Ostaig. In our work at the College, we have found that it is a common error to vastly underestimate the scale of this challenge. We yearn for language use that feels natural, that seems to just happen, but those days are long gone for Gaelic. If we aim to have Gaelic spoken in a particular space, then we have to self-consciously promote Gaelic use in that space. Keeping Gaelic going at Sabhal Mòr Ostaig requires continual ideological work; it never just happen ‘naturally’.

This disappoints some folk. For detractors, Gaelic as a networked, activist language feels artificial, fake, or staged in some way, but I strongly reject this critique. I spend almost all of my waking hours speaking Gaelic. It is my working language, I use it with my network of Gaelic-speaking friends on Skye, and I speak it at home. Gaelic isn’t a hobby or a performance for me; it’s a real, living language. And each year, I have the opportunity to work with a new group of talented young adults who are strengthening their Gaelic skills and acquiring strong identity connections to the language, and who then go on to use Gaelic in their daily lives, working in Gaelic and raising families in Gaelic all over Scotland and beyond. Gaelic isn’t a dead language for them either.

We are all very lucky. None of us would have these opportunities without the College. Sabhal Mòr Ostaig is our speech community, and for all its flaws, it serves as a powerful driver of the revival of Scottish Gaelic as a vital, spoken language in the 21st century.


Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach

Powered by WPeMatico

Carson nach sgrìobh mi nobhail?

Le lasairdhubh

Am bliadhna, fhuair mi cothrom bhideo a chlàradh dhan fhèis sgrìobhaidh, StoryCon, agus seo e! ’S e seo a’ chiad bhideo dhen ghnè seo a rinn mi a-riamh, ga chlàradh air an iPad agam agus ga dheasachadh anns a’ phrògram dheasaiche-bhideo thùs-fosgailte, OpenShot. Thug e fada ro fhada. Bha e gu sònraichte doirbh na fo-thiotalan a dhèanamh, ach tha mi car moiteil às, mar a’ chiad oidhirp agam. Dè ur barail?

’S e fèis sgrìobhaidh a th’ ann an StoryCon do dheugairean ann an Alba, agus tha i ga cumail an-dè agus an-diugh, air loidhne am bliadhna leis an dùthaich fo ghlais fhathast. Rinn iomadh ùghdar bhideoan dhi, agus gheibhear iad uile air an làraich youtube aca a-nis.


Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach

Powered by WPeMatico

Eadar-theangachadh Os-theacsail

Le lasairdhubh

speuradair a' leughadh

Tha mi air mo dhòigh ghlan innse gun do rinneadh eadar-theangachadh de Air Cuan Dubh Drilseach gu Gàidhlig na h-Èireann!

Chan eil sinn buileach cinnteach fhathast cuin a bhios e a’ tighinn a-mach an clò, agus mar sin, cha chan mi an còrr mun fhoillseachadh fhèin an-dràsta. Bidh barrachd naidheachd agam mu sin an ceann tamaill bhig, tha mi an dòchas. Ach bu toil leam beagan innse mun ghnìomh eadar-theangachaidh a thug sinn chun na h-ìre seo, oir bha e àraid agus uabhasach inntinneach.

Bidh cuid agaibh eòlach air an acaideamach, sgrìobhadair agus irisiche Eoin Ó Murchú. Uil b’ e Eoin a rinn an t-eadar-theangachadh, ach seo an rud, bha taic aige … taic shaibeirneatach. Tha ùidh aig Eoin ann an tùr innealta, agus eadar-theangachadh innealta, agus bha e feòrachail, an gabhadh nobhail ann an Gàidhlig na h-Alba eadar-theangachadh gu Gàidhlig na h-Èireann leis an inneal eadar-theangachaidh Intergaelic?

Nis, cha robh Eoin an dùil gun dèanadh Intergaelic eadar-theangachadh leis fhèin a bhiodh math gu leòr airson foillseachadh. Gu soilleir, chan eil eadar-theangachadh innealta aig an ìre sin fhathast. Ach bha Eoin feòrachail, am b’ urrainn dha a chleachdadh mar a’ chiad cheum — .i. gun dèanadh Intergaelic a’ chiad ruith-seachad, agus an uair sin, gun sgioblaicheadh esan an toradh — agus an sàbhaileadh gnìomh dha leithid ùine dha?

B’ urrainnear am pàipear a sgrìobh Eoin mun ghnìomh a leughadh an seo. Is coltach gun do dh’oibrich an cleas glè mhath. Bha an t-eadar-theangachadh a rinn Intergaelic cuimseach math, no math gu leòr gun do rinn e an gnìomh eadar-theangachaidh mòran na bu luaithe uile gu lèir.

Anns a’ phàipear aige, tha Eoin a’ toirt iomradh air cuid dhe na ceistean eisteadaigeach, agus gu h-àraidh, na ceistean beusach a dh’èireas às an deuchainn seo. Agus sin an taobh a tha gu sònraichte inntinneach dhomhsa, agus gu math iomchaidh, saoilidh mi, ri taobh cuspair na nobhail. Gu dearbh, tha Eoin a’ cumail a-mach gur e seòrsa de dh’eadar-theangachadh os-theacsail a th’ ann: a’ dèanamh eadar-theangachadh de leabhar mu thùr innealta, le tùr innealta.

Gu cinnteach, tha an deuchainn aig Eoin a’ togail na ceist: an gabh na h-innealan ri obair nan eadar-theangairean uile gu lèir aon latha? Saoilidh mi fhìn, gur coltach, luath no mall, gun gabh iad ri ar n-obair uile. Saoilidh mi nach e ceist a th’ ann an gabh tùr innealta ris an obair againn uile ach cuin?


Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach

Powered by WPeMatico

Bogadh Às na Freumhan an Dùn Èideann

Le lasairdhubh

RnA4

Bha fìor dheagh oidhche againn ann an Dùn Èideann Diluain aig Bun-Sgoil Taobh na Pàirce far an do chuir sinn an leabhar ùr agam air bhog. Seo cuid dhe na sgeulachdan a nochd anns na meadhanan:

Bhon taobh chlì: Marsaili NicLeòid, Leas-phrionnsabal na Colaiste; mi fhìn; Iain MacSuibhne, Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba; Anna NicPhàil, Ceannard Bhun-Sgoil Taobh na Pàirce; agus Aonghas MacLeòid, Cathairiche a’ Bhùird aig Sabhal Mòr Ostaig.

RnA1

Ministear MacSuibhne a’ bruidhinn:

RnA6


Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach

Powered by WPeMatico