Eadar-theangachadh Os-theacsail

Le lasairdhubh

speuradair a' leughadh

Tha mi air mo dhòigh ghlan innse gun do rinneadh eadar-theangachadh de Air Cuan Dubh Drilseach gu Gàidhlig na h-Èireann!

Chan eil sinn buileach cinnteach fhathast cuin a bhios e a’ tighinn a-mach an clò, agus mar sin, cha chan mi an còrr mun fhoillseachadh fhèin an-dràsta. Bidh barrachd naidheachd agam mu sin an ceann tamaill bhig, tha mi an dòchas. Ach bu toil leam beagan innse mun ghnìomh eadar-theangachaidh a thug sinn chun na h-ìre seo, oir bha e àraid agus uabhasach inntinneach.

Bidh cuid agaibh eòlach air an acaideamach, sgrìobhadair agus irisiche Eoin Ó Murchú. Uil b’ e Eoin a rinn an t-eadar-theangachadh, ach seo an rud, bha taic aige … taic shaibeirneatach. Tha ùidh aig Eoin ann an tùr innealta, agus eadar-theangachadh innealta, agus bha e feòrachail, an gabhadh nobhail ann an Gàidhlig na h-Alba eadar-theangachadh gu Gàidhlig na h-Èireann leis an inneal eadar-theangachaidh Intergaelic?

Nis, cha robh Eoin an dùil gun dèanadh Intergaelic eadar-theangachadh leis fhèin a bhiodh math gu leòr airson foillseachadh. Gu soilleir, chan eil eadar-theangachadh innealta aig an ìre sin fhathast. Ach bha Eoin feòrachail, am b’ urrainn dha a chleachdadh mar a’ chiad cheum — .i. gun dèanadh Intergaelic a’ chiad ruith-seachad, agus an uair sin, gun sgioblaicheadh esan an toradh — agus an sàbhaileadh gnìomh dha leithid ùine dha?

B’ urrainnear am pàipear a sgrìobh Eoin mun ghnìomh a leughadh an seo. Is coltach gun do dh’oibrich an cleas glè mhath. Bha an t-eadar-theangachadh a rinn Intergaelic cuimseach math, no math gu leòr gun do rinn e an gnìomh eadar-theangachaidh mòran na bu luaithe uile gu lèir.

Anns a’ phàipear aige, tha Eoin a’ toirt iomradh air cuid dhe na ceistean eisteadaigeach, agus gu h-àraidh, na ceistean beusach a dh’èireas às an deuchainn seo. Agus sin an taobh a tha gu sònraichte inntinneach dhomhsa, agus gu math iomchaidh, saoilidh mi, ri taobh cuspair na nobhail. Gu dearbh, tha Eoin a’ cumail a-mach gur e seòrsa de dh’eadar-theangachadh os-theacsail a th’ ann: a’ dèanamh eadar-theangachadh de leabhar mu thùr innealta, le tùr innealta.

Gu cinnteach, tha an deuchainn aig Eoin a’ togail na ceist: an gabh na h-innealan ri obair nan eadar-theangairean uile gu lèir aon latha? Saoilidh mi fhìn, gur coltach, luath no mall, gun gabh iad ri ar n-obair uile. Saoilidh mi nach e ceist a th’ ann an gabh tùr innealta ris an obair againn uile ach cuin?


Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach

Powered by WPeMatico

Bogadh Às na Freumhan an Dùn Èideann

Le lasairdhubh

RnA4

Bha fìor dheagh oidhche againn ann an Dùn Èideann Diluain aig Bun-Sgoil Taobh na Pàirce far an do chuir sinn an leabhar ùr agam air bhog. Seo cuid dhe na sgeulachdan a nochd anns na meadhanan:

Bhon taobh chlì: Marsaili NicLeòid, Leas-phrionnsabal na Colaiste; mi fhìn; Iain MacSuibhne, Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba; Anna NicPhàil, Ceannard Bhun-Sgoil Taobh na Pàirce; agus Aonghas MacLeòid, Cathairiche a’ Bhùird aig Sabhal Mòr Ostaig.

RnA1

Ministear MacSuibhne a’ bruidhinn:

RnA6


Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach

Powered by WPeMatico

Às na Freumhan

Le lasairdhubh

Còmhdach meadhanachTha mi air mo dhòigh ghlan innse gum bi an leabhar eachdraidh ùr agam, Às na Freumhan: Eachdraidh air Iomairt na Sgoileadh Gàidhlig ann an Dùn Èideann 1998–2011, a’ dol dhan chlò-bhualadair an ath sheachdain, agus a’ tighinn a-mach an clò fo sgèith Chlò Ostaig ann am meadhan a’ Ghearrain am bliadhna. Bidh sinn a’ cur an leabhair air bhog, an dà chuid ann an Dùn Èideann agus anns an Eilean Sgitheanach, goirid an dèidh sin, agus sgaoilidh mi fios mu sin an seo an ceartuair, ach anns an eadar-àm, seo an còmhdach! Nan suidhe clì gu deas: Lili McShea, Chantelle Steele agus Bronwen Stahl aig fosgladh Bhun-sgoil Taobh na Pàirce ann an 2013. Dealbh le Neil Hanna. Mo mhìle taing do Richard Cox a stiùir am pròiseact seo. Deasaiche na b’ fheàrr chan iarradh tu!!


Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach

Powered by WPeMatico

STEALL 05!

Le lasairdhubh

Steall5Tha mi toilichte a ràdh gu bheil STEALL 05 a-mach a-nis leis an ath chaibideil de An Luingeas Dorcha air Fàire na broinn! Gheibh sibh leth-bhreac an seo. B’ e deagh phrèasant Nollaige a bhiodh ann, ma tha sibh, coltach riumsa, ann an èiginn agus fhathast a’ lorg phrèasantan.

Cuideachd, bu chòir dhomh innse gum b’ e seo a’ chaibideil mu dheireadh de ALDAF a nochdas ann an STEALL. Tha mi ag iarraidh mo mhìle thaing a thoirt do mhuinntir CLÀR airson a’ chothruim seo a bhith a’ foillseachadh na nobhaile agam gu sreathach. B’ e probhadh inntinneach a bh’ ann gun teagamh, agus bhiodh e uabhasach math a chluinntinn bho leughadairean STEALL ciamar a bha e a bhith a’ leughadh nobhail anns an dòigh seo.

Ach na biodh dragh oirbh; tha mi fhathast ag obair air ALDAF! Tha mi suas gu caibideil deich ann an dreach, ach chan eil mi idir faisg air crìochnachadh. Tha i a’ dol a bhith mòr, ach ’s e deagh rud a bhios ann an sin, tha mi an dòchas. Cumaidh mi naidheachd ribh mun adhartas agam an seo.


Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach

Powered by WPeMatico

Gàidhlig gun ghnè?

Le lasairdhubh

lenguaje_inclusivoCiamar a bhiodh eadh, nam faigheamaid cuidhteas gnè agus na tuisealan ann an Gàidhlig? Thòisich mi a’ smaoineachadh air an ceist seo an dèidh dhomh alt a leughadh anns an Washington Post mu oidhirp seòrsa Spàinnis a chruthachadh gun ghnè ann an Argentina, air sàillibh ’s gu bheil cuid am beachd gu bheil ceangal eadar cànan le gnè agus gnèitheachas.

Abair gun dèanadh gluasad dha leithid diofar nam obair-sa. An ùine a bhios mi a’ cosg a’ feuchainn ri gnè agus na tuisealan a sparradh a-steach ann an inntinnean na oileanaich bochd agam, cha ghabh eadh tomhas. Is gann gun tig neach thugam a-nis a-mach à FMG le gnè agus na tuisealan coileanta aca, agus fiù ’s am measg cuid a fhuair Gàidhlig san dachaigh agus FMG, is àbhaist gum bi gnè agus na tuisealan aca fhathast cugallach.

O chionn fhada, dh’fheòraich mo cho-obraiche, Meg Bateman, carson a tha sinn fhathast a’ teagasg riaghailtean nach eil bitheanta tuilleadh? Carson a dh’fheumas sinn uibhir de phinn dearg a chleachdadh nar n-obair? (Faic: Gàidhlig Ùr, 2010)

Na gabhaibh dragh. Chan eadh rud a nì aon neach fa leth a tha seo. Bidh mi fhathast a’ teagasg na seann riaghailtean. Gus obair fhaighinn agus gus a bhith air an aithneachadh mar Ghàidheil le ’deagh Ghàidhlig’, feumaidh na riaghailtean traidiseanta uile a bhith aig na oileanaich agam. Ach ’s fhiach eadh faighneach, le bhith a’ cumail oirnn a’ teagasg na riaghailtean seo, dè da-rìribh a tha sinn a’ glèidheadh, agus dè na cothroman a tha sin a’ call?

Dè ur beachd?

PS, seo na riaghailtean gun-ghnè a chleachd mi gu h-àrd:

Riochdair: an seann riochdair neodrach Gàidhlig, eadh;

Riochdair sealbhach: am fear fireann, a (le sèimheachadh), ach chan eil fios agam gu bheil seo ceart. Is dòcha gum bu chòir riochdair sealbhach neodrach fa-leth a chleachdadh;

An t-alt singilte: an/m, (gun sèimheachadh, gun t-) anns a h-uile tuiseal;

An t-alt iolra: na (gun h-) anns a h-uile tuiseal;

Am buadhair: gun sèimheachadh, gun chaolachadh anns a h-uile tuiseal;

An t-ainmear singilte: gun chaolachadh anns a h-uile tuiseal;

An t-ainmear iolra: am foirm bunasach iolra anns a h-uile tuiseal.

Chan eil fhios ’m dè mholainn fhathast a thaobh riochdairean roimhearach, no riochdairean roimhearach sealbhach. Beachdan?

 


Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach

Powered by WPeMatico