W E Gladstone – sòisio-cànanaiche agus action hero! Turas gu Liverpool

Le alasdairmaccaluim

Fhuair mi tiocaid air leth saor gu Liverpool sa Ghreat British Rail Sale na bu thràithe am-bliadhna. ’S e bàrgan dha-rìribh a bh’ ann air £20.

Ach gus tiocaid cho saor fhaighinn, bha agam ri trèana gu math tràth fhaighinn – trèana a bha a’ fàgail Glaschu aig 04:26.

B’ e am plana a bh’ agam a dhol innte tràth gus am faighinn gu leòr caidil. Chan ann mar sin a thachair cùisean ge-tà. Mionaid no dhà às dèidh dhomh a dhol dhan leabaidh thàinig an tè bheag a-steach is thuirt i “tha luchag san taigh!”

Bha na cait air luch a thoirt a-staigh. Bha na cait a’ dol craicte a’ feuchainn ri a lorg agus cha b’ urrainn dhomh a dhol air ais dhan leabaidh gus an robh an luchag air a glacadh agus a-mach às an taigh gu slàn sàbhailte.  Chaidh an luchag a lorg is a chur a-mach aig…. 02:05. Mar sin, fhuair mi uair a thìde gu leth de chadal aig a’ cheann thall.

Nochd an tagsaidh agam aig 03:45 agus fad na slighe bha an dràibhear a’ cur a-mach às a chorp an aghaidh an LEZ, cìsean parcaidh, pedestrianisation – agus a h-uile rud eile a tha math is ceart! Bha mi ro sgìth airson gearain ge-tà is chùm mi nam thost.

Bha an trèana agam air an uair agus chan fhada gus an do dh’fhalbh sin. Gu h-iongantach, chaidh an trèana taobh cearcall Cathcart agus chord sin rium.

’S e trèana Pendalino aig Avanti a bh’ ann agus bha i a’ coimhead gu math spaideil agus bha i air a sgeadachadh bho chionn ghoirid a rèir coltais. Bha an décor agus na seataichean na b’ fheàrr na bha roimhe.

Fhuair mi beagan caidil air an trèana agus aig mu 7m, bha mi ann an Wigan North Western gus an trèana agam gu Liverpool a ghlacadh.

Nis, tha a h-uile rud mu Liverpool do luchd-turais ag amas air dà rud – na Beatles agus ball-coise. Gu mì-fhortanach, is lugha orm an dà chuid! Chan eil mi a’ tuigsinn ball-coise agus tha mi fada den bheachd gu bheil na Stones agus an Who tòrr nas fheàrr na na Beatles.

Dhomhsa, is e an rud as fheàrr mu Liverpool Alexi Sayle, sàr-ghaisgeach a’ chomadaidh agus deagh sgrìobhadair! “Who’s a big fat bastard and as ugly as can be? A-l-e-x-e-i,  S-a-y-l-e!”

Bu choir ìomhaigh a bhith ann dheth sa bhaile – is dòcha na riochd mar Monsieur Aubergine no Bobby Chariot – a bha a’ tarraing às an luchd-comadaidh mì-èibhinn sgriosail bho na 1970a, leithid Jimmy Tarbuck agus Ken Dodd.  

Alexei Sayles Stuff - Monsieur Aubergine Are you on pills for your neeeerves? The wife left you, taken the whippets?  Then enjoy another dollop of the quite brilliant The All New Alexei Sayle  Show. Bobby Chariot, funnier than
 Clì: M Aubergene, Deas: Bobby Chariot  

’S na làithean seo, tha podcast sgoinneil aig Alexi Sayle agus mholainn gu mòr e.

Thòisich an latha agam le turas air na trèaaichean ùra aig Merseyrail. Bha na seann trèanaichean cha mhòr 50 bliadhna a dh’aois agus fhuair iad feadhainn spaideil ùra. Agus a bharrachd air na trèanaichean ùra, bha mi airson Stèisean Headbolt Lane fhaicinn.

Tha na trèanaichean ùra gu math spaideil agus a’ chiad rud a mhothaich mi ’s e cho luath ’s a bha an acceleration aca. Rud eile a tha sgoinneil, ’s e gu bheil “level boarding aca” is mar sin gu bheil iad ruigsinneach do dhaoine air a bheil ciorram no daoine le pramaichean.

Class 777, Liverpool Lime Street

’S e na 777s a chanas iad ris na trèanaichean ùra, agus tha cuid aca nan 777/1s – aig a bheil bataraidh cuideachd. Tha na trèanaichean aig Merseyrail dealanach agus iad a’ ruith air treas rèile. Chaidh lìonra Merseyrail a leudachadh bho chionn ghoirid gu stèisean ùr ann an Headbolt Lane. An àite a bhith a’ togail loidhne ùr le treas rèile, cheannaich iad trèanaichean le bataraidhean a tha comasach air ruith air a’ mhìle ùr de thrac leis na bataraidhean.

Aig ceann na loidhne ann an Headbolt Lane

An uair sin, ghlac mi an trèana dìosail eadar Headbolt Lane agus Wigan Wellgate agus an uair sin gu Southport agus air ais gu Liverpool agus air adhart gu Birkenhead.

Carson a bha mi a’ dol gu Penbedw/Birkenhead?

Tha Wimpy ann! Tha e gam thoirt air ais gu burgairean san Sauchiehall Street Centre sna 80an le mo Mham is mo phiuthair!

Wimpy Penbedw

Fhad ’s a bha mi ann, bha mi a’ leughadh leabhar air a bheil Through the Language Glass – Why the World Looks Different in Other Languages le Guy Deutscher.

San leabhar, tha Deutscher a’ coimhead air a’ cheangal eadar diofar chànanan agus diofar dhòighean air coimhead air an t-saoghal agus air an saoghal a thuigsinn.

Tha fios againn ann an saoghal na Gàidhlig gu bheil speatraman dathan eadar-dhealaichte ann an diofar chànanan agus gum biodh feur gorm seach uaine gu traidiseanta. Tha fios againn cuideachd gu bheil cùisean eadar-dhealaichte a thaobh ruadh is dearg – tha red sa Bheurla a’ gabhail a-steach an dà chuid ach tha cuid de na rudan a tha ruadh brown sa Bheurla cuideachd.

Cò a mhothaich gun robh speactraman dathan eadar-dhealaichte ann an diofar chànanan? Fear ainmeil a rugadh ann an Liverpool.

Cò a bh’ ann ach W.E Gladstone, a bha na Phrìomhaire air Breatainn ceithir tursan!

A bharrachd air a bhith trang le poilititigs, bha am Bodach Mòr (“the Grand Old Man” mar a bh’ aig daoine air) na sgoilear clasaigs. Bha e beò-ghlaicte le Homer agus sgrìobh e leabhar air an robh Studies on Homer and the Homeric Age.

Fhad ’s a bha e a’ rannsachadh na cùise, mhothaich e rud neònach. Cha robh iad a’ cleachdadh dathan san aon dòigh sa bhios sinn sa Bheurla an-diugh. Gu sònraichte, cha robh e coltach gun robh faclan eadar-dhealaichte ann airson gorm is uaine. Bha Gladstone den bheachd nach robh na seann Ghreugaich a’ tuigsinn dathan san aon dòigh idir agus gun robh iad a’ seòrsachadh dathan co-cheangailte ri dubharachd (no shade) dhathan seach air na dathan fhèin. Bha e den bheachd nach robh daoine a’ dèanamh eadar-dhealachadh eadar cuid de na dathan mar a nì sinn an-diugh gus an robh daoine comasach air dath a chur air rudan gu fuadan – dyeing.

Thòisich seo deasbad a mhàir còrr is 100 bliadhna agus aig a’ cheann thall, tha e coltach gun robh Gladstone ceart gu ìre mhòr!

Bha cuimhne agam bhon turas mu dheireadh dhan bhaile gu bheil ìomhaigh ann de Ghladstone sa bhaile is mar sin, chaidh mi ann gus dealbh a thogail.

Ìomhaigh Gladstone, Liverpool

Mhothaich mi gu bheil còta fada air. Ann an uamha, tha an còta dubh agus thug e orm smaoineachadh air Neo agus an t-seacaid leathair aige san fhilm The Matrix.

Smaoinich – William Ewart Gladstone, action hero!

Lieutenant: I think we can handle one elderly Liberal politician. I sent two units, they’re bringing him down now.

Agent Smith: No lieutenant, your men are already dead.

Agus gu dhearbha, is bochd nach robh cumhachdan mar Neo aig Gladstone – b’ urrainn dha a bhith air deagh bhreabadh a thoirt do Thaigh nam Morairean nuair a dhiùlt iad gabhail ri a Bhile airson Fèin-riaghladh na h-Èireann ann an 1893, ged a bha Taigh nan Cumantan air bhòtadh air a shon!

Agus a’ bruidhinn air eachdraidh na h-Èireann, chaidh mi gu Cuimhneachadh a’ Ghorta Mhòir mus deach mi air ais gu Lime Street gus an trèana a ghlacadh air ais a Ghlaschu.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean