Tha mi air coimhead air grunn làraichean-lìn is aplacaidean an seo roimhe – cuid airson a bhith a’ clàradh tursan adhair is rèile is bus agus feadhainn eile le mapaichean is bharrachd. Cha robh làrach ann, ge-tà, a dhèanadh mapa dhut den a h-uile rathad-iarainn air an robh thu.
Cha robh gu beagan mhìosan air ais, co-dhiù!
Tha làrach-lìn ann a-nis air a bheil Viaduct.world far am faod thu a h-uile turas trèana a rinn thu a chlàradh agus a nì mapa dhut. Nas fheàrr na sin, tha i eadar-nàiseanta agus mar sin, faodar turas trèana sam bith san t-saoghal a chur ann. Agus tha i an-asgaidh cuideachd!
Cruinnichidh Viaduct.word stats cuideachd. Tha fios agam a-nis, mar eisimpleir, gun do shiubhail mi air 52% de lìonra rèile na RA agus 9% de lìonra na Beilge!

A bharrachd air na rathaidean-iarainn, faodar aiseagan a chur ris cuideachd.

Chithear na rathaidean-iarainn agus cuid de na h-aiseagan a ghabh mi ann an Èirinn is Manainn an seo:

Agus chan e a-mhàin rathaidean-iarainn sna lìonraidhean nàiseanta a ghabhas a chur ris oir tha tòrr de na rathaidean-iarainn glèidhte ann cuideachd.
An seo mar eisimpleir, chithear rathaidean-iarainn glèidhte Srath Spè, Baile nan Dubhach is Baile Chè agus Rathad-iarainn Cailleanbach Breichin.

San fharsaingeachd, chan eil na siostaman meatro no trama ann, leithid Underground Lunnainn no Subway Glaschu, ach tha an Tyne and Wear metro ann.
A bharrachd air loidhnichean, faodar na stèiseanan san robh thu a chlàradh cuideachd. Seo eisimpleir bho Shiorrachd Lannraig.

Chithear cuideachd na companaidhean rathaid-iarainn uile a chleachd thu:

Agus tha combaist ann de na turasan rèile agad:

Ma tha thu ag iarraidh mapa mòr de na tursan agad airson a dhol air a’ bhalla agada, nì iad sin dhut air prìs reusanta cuideachd.
Tha cothrom agad beachdan a chur a-steach air an làraich cuideachd agus tha na daoine leis a bheil Viaduct.world air leth cuideachail is deònach èisteachd ri molaidhean.
Seo làrach-lìn sgoinneil. ‘S e an aon rud a tha dona mu dheidhinn gu bheil e furasta cus tìde a chur seachad air….
Ma tha ùidh agad sna tursan rathad-iarainn agam, faodar am mapa agam fhaicinn an seo.
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean










