Le MacanTosich
Cheeruz!
Tadhail air Dannsamaid! Crathamaid! Ròcamaid!
Powered by WPeMatico
Trusaiche blogaichean
Le MacanTosich
Cheeruz!
Tadhail air Dannsamaid! Crathamaid! Ròcamaid!
Powered by WPeMatico
Le Graisg
 Uill, tha e air a bhith a’ cur sneachd an diugh, bha agam a dhol gu Obar Dheathain mar a b’ àbhaist dhomh ach shaoil mi gum biodh cus sneachd air an loidhne eadar Keith agus Inbhir Uairaidh agus mar sin dh’ fhuireach mi aig an taigh. Chaidh mi sìos dhan tràigh agus abair sgòthan mòra dubh a bha a’ tighinn oirnn bhon taobh a tuath. A-nochd tha faisg air sia òirlich air an talamh ged ‘s a tha A96 fosgailte agus tha a mhòr chuid de na rathaidean sa bhaile sàbhailte ach ma chuireas e mar a tha e an dràsta fad na h-oidhche bidh obair mhòr turas eile aig balaich na Comhairle sa mhadainn
 Uill, tha e air a bhith a’ cur sneachd an diugh, bha agam a dhol gu Obar Dheathain mar a b’ àbhaist dhomh ach shaoil mi gum biodh cus sneachd air an loidhne eadar Keith agus Inbhir Uairaidh agus mar sin dh’ fhuireach mi aig an taigh. Chaidh mi sìos dhan tràigh agus abair sgòthan mòra dubh a bha a’ tighinn oirnn bhon taobh a tuath. A-nochd tha faisg air sia òirlich air an talamh ged ‘s a tha A96 fosgailte agus tha a mhòr chuid de na rathaidean sa bhaile sàbhailte ach ma chuireas e mar a tha e an dràsta fad na h-oidhche bidh obair mhòr turas eile aig balaich na Comhairle sa mhadainn Tadhail air Dealbhan Inbhir Narann
Powered by WPeMatico
Le MacanTosich

Co-dhiu, an-drasta tha mi ag eisteachd ri beagan “Latha Uaine” is “Ban-Righ”, gu h-araidh stuth bho Innuendo (Fhuair mi MP3 de Raibeart Plant a’ seinn an orain sin aig an consairt cuimhneachaidh aig Freddie, ’s fior mhath e!) Cuideachd, tha mi fhathast a-mach air Bowie agsu Prionnsa. Cuideachd aig an deireadh seachdain cheannaich mi “AmeriKKKa’s Most Wanted” le Ice Cube. Tha e a’ cordadh rium gu mor, ’s mor orm an stuth cruiadh a thainig a-mach le Public Enemy (no Namahaid Poblach ma thogras tu) is NWA mus deach Rap ro choimearsealta anns na 90an le Biggie is an leithid. Bidh daoine mar Chuck D is Ice Cube a-mach air ain-cheartas, eucoir is mi-reusan an aghaidh mion-chuidean a tha gu math cumanata air feadh an t-saoghail, is rud a tha gu math cudromach a chuimhneachadh latha an-diugh leis na h-Uncle Toms a’ feuchainn ri a dhubhadh as dhaibh (is dhuinn) fhein ann an Sleite an-drasta.
Tha mi a’ leughadh “Biko” le Domhnall Woods an-drasta agus tha teachdaireachd ann an sin dhn a h-uile Gaidheal mu ar suidheachadh fhein.
Thoir an aire.
Mac-T
Tadhail air Dannsamaid! Crathamaid! Ròcamaid!
Powered by WPeMatico
Le MacanTosich
1971-2005
Tadhail air Dannsamaid! Crathamaid! Ròcamaid!
Powered by WPeMatico
Le Uaineach
 Bidh na pàistean a’ cruinneachadh a h-uile sgillinn faisg air làimh agus gu dearbh bidh iad a’ cunntadh an airgid fad ‘s a bha iad a’ cur planaichean air dòigh. Chan eil am Màrt fada a-mach a-nis. Thig na làraidhean feasgar la na Sabaid nuair a bhios na h-eaglaisean deiseil agus cuiridh an luchd-obrach a h-uile inneal re chèile aig astar a chuireas iongantach ort. Bidh na clann òga agus a h-uile mac màthar a bhios fhathast òg nan cridheachan a’ toirt sùil mhìneachadh air a’ ghnothaich agus a’ beachdachadh nan anasan ùra. Bidh iad a’ dhèanamh comais eadar na bliadhnaichean agus bidh cuimhne fhada air feadhainn dhaibh. Ann an ùine nach bidh fada bidh faireachdainn eile a’ crochadh san adhar. Bidh a h-uile càil an sàs cruth-atharrachadh. Bho fheasgair Diluain a-mach gus a’ mheadhan oidhche an ath Disathairne bidh am baile air boil. Bidh abhainn datha a dòrtadh tro na prìomh sràidean den bhaile agus bidh an sluagh a’ gluasad thall ‘s a bhos nam bogadh san tachartasan agus na solais. Nuair a bhios e seachad bidh cuimhneachan ùra nan muillean am broinn muinntir an àite.
Bidh na pàistean a’ cruinneachadh a h-uile sgillinn faisg air làimh agus gu dearbh bidh iad a’ cunntadh an airgid fad ‘s a bha iad a’ cur planaichean air dòigh. Chan eil am Màrt fada a-mach a-nis. Thig na làraidhean feasgar la na Sabaid nuair a bhios na h-eaglaisean deiseil agus cuiridh an luchd-obrach a h-uile inneal re chèile aig astar a chuireas iongantach ort. Bidh na clann òga agus a h-uile mac màthar a bhios fhathast òg nan cridheachan a’ toirt sùil mhìneachadh air a’ ghnothaich agus a’ beachdachadh nan anasan ùra. Bidh iad a’ dhèanamh comais eadar na bliadhnaichean agus bidh cuimhne fhada air feadhainn dhaibh. Ann an ùine nach bidh fada bidh faireachdainn eile a’ crochadh san adhar. Bidh a h-uile càil an sàs cruth-atharrachadh. Bho fheasgair Diluain a-mach gus a’ mheadhan oidhche an ath Disathairne bidh am baile air boil. Bidh abhainn datha a dòrtadh tro na prìomh sràidean den bhaile agus bidh an sluagh a’ gluasad thall ‘s a bhos nam bogadh san tachartasan agus na solais. Nuair a bhios e seachad bidh cuimhneachan ùra nan muillean am broinn muinntir an àite.Tadhail air Àite air choireigin ann an Sasainn
Powered by WPeMatico
Le Eòsaph

Bha Saen “sgoil” Budaism ann an Sìona mu na linntean meadhanach, mu 700-1100. Thànig Saen gu Sìona bho Na h-Innseachan le Bodhidharma, manach Innseannach fionnsgeulach. Theagaisg Bodhidharma dòigh meòmhrachadh glè simplidh is dhomhainn. Tha an meòmhrachadh aig Bodhidharma agus an prìomh-athairan Saen as deidh Bodhidharma (a’ chiad prìomh-athair), mar Hui-Neng (an siathamh prìomh-athair), dòigh co-chruinnich na h-inntinn, agus mu dheireadh, dòigh rach thairis air agus mar sin a’ cur crìoch na h-uile fulangas is mealladh san leth a-staigh sinn fhein.
Theagaisg na prìomh-athairan Saen nach eil dad sam bith ‘san saoghal ach tha e foillseachadh Fìrinn. Mar sin, tha sinne a-huile duine nad amadanan, oir tha sinn a’ lorg gu brath rudeigin coisrigte no fiorghlan dealaichte bho’n tiota sin, an corp sin, am beatha sin againn. Chan eil am fìrinn Saen ach an saoghal sin—às eugmhais na h-inntinn a tha a’ cabadaich fad na-huine, no os cionn, no air chùl na h-inntinn sin.
Tha, air chùl na h-inntinn againn, saoghal “eile,” saoghal chan aithne na h-inntinn a’ dèanamh grèim air, oir chan eil an saoghal fìor a-staigh na chinn againn. Tha an saoghal gu brath an-seo, a-nis. Chan aithne dhuinn a’ dèanamh grèim air ach dìreach, air leth gach bun-bheachd, air leth a-huile smaoin.
Dìreach SIN
AN-SEO
A-NIS
IONGANTACH!
Tadhail air An Gaidheal Iùdhach
Powered by WPeMatico
Le Eòsaph
Tadhail air An Gaidheal Iùdhach
Powered by WPeMatico
Le Gath Clag
Dun Eideann, An t-Oban, Sruighlea, Beinn Laomainn
Tadhail air Deò-grèine
Powered by WPeMatico
Le Seonaidh

 Ah bha mi soirbheachail leis na dealbhan. Ma a tha sibh dealbhan eile fhaicinn is urrainn dhomh am foillseachadh. Thog mi iad leis a’ chamara mheurach ghasda ùr a fhuair mi air son Nollaige. Anns an dealbh os ar ceann chi sibh an drochaid ainmeil agus anns an dealbh fon sin chi sibh Craobh Ard Na Nollaige taobh a staigh an togalach stàiteil QVB (An Aitreabh Aig A’ Bhan-righ Bhiactoirea).
Ah bha mi soirbheachail leis na dealbhan. Ma a tha sibh dealbhan eile fhaicinn is urrainn dhomh am foillseachadh. Thog mi iad leis a’ chamara mheurach ghasda ùr a fhuair mi air son Nollaige. Anns an dealbh os ar ceann chi sibh an drochaid ainmeil agus anns an dealbh fon sin chi sibh Craobh Ard Na Nollaige taobh a staigh an togalach stàiteil QVB (An Aitreabh Aig A’ Bhan-righ Bhiactoirea).
Bha móran sgeadachaidhean Nollaige eile mu thimcheall a’ Bhaile. Chuala sinn coisirean a’ seinn nan laoidhean Nollaige aig Ionadan Buitearachd is bha Laoidhean Nollaige le Solus Coinneala a ghabh aite an darna cuid ann am Melbourne is ann an Sydney air an nochdadh air taidhsearachd. Mu dheireadh chunnaic sinn a’ Bhan-righ a’ bruidhinn le teachdaireachd Nollaige.
Tadhail air Mo Leabhar-lin fhein
Powered by WPeMatico
Le Eòsaph
Bheil cuimhn’ agaibh Bill an ceann-suidhe?
Bha còrdadh ris ‘huile baintighearna
Bha aon e a’ miannachadh
‘s thug i dha beannachadh
Ach cha robh e mu dheireadh glè bhuidhe!
Tha mise an Gaidheal Iùdhach
Mar as tric’ chan eil mise cho sàmhach
Tha mi ’ glagais is glagain
aig àirde mo chlaiginn
is dùisg mi ‘n iomlan na coimhearsnachd!
Tadhail air An Gaidheal Iùdhach
Powered by WPeMatico