Cuairt-litir Ghàidhlig ùr air a foillseachadh! Leugh is fo-sgrìobh

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ dèanamh pìleat air cuairt-litir Ghàidhlig ùr a thig a-mach gach co-latha-deug. Bidh seo a’ coimhead air na tha a’ dol sa Phàrlamaid sa Ghàidhilg – reachdas, gnothaichean pàrlamaideach, mar a thogas tu do ghuth is tòrr a bharrachd. A bharrachd air sin, tha susbaint eadar-dhealaichte ann sa Bheurla a tha … Leugh an corr de Cuairt-litir Ghàidhlig ùr air a foillseachadh! Leugh is fo-sgrìobh

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Lìonra nan lìonraidhean sòisealta: Mastodon, PeerTube agus an co-shaoghal

Le

Ma tha thu a’ fàs beagan seachd searbh dhe Facebook is Twitter, tha roghainn eile ann dhut: An co-shaoghal no fediverse sa chànan eile.

Tha an lìonra sòisealta sin fo smachd an luchd-cleachdaidh fhèin seach companaidhean mòra agus ’s urrainn do dhuine sam bith frithealaiche a chur air dòigh.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh air co-shaoghal.net no ’s urrainn dhut ballrachd fhaighinn sa bhad le ceangal cuiridh gu Mastodon a tha coltach ri Twitter. Chruthaich mi frithealaiche PeerTube cuideachd a tha coltach ri YouTube ach chan eil e fosgailte do chlàraidhean aig an àm seo. Tha a’ video gu h-àrd air PeerTube cuideachd.


Tadhail air Fòram na Gàidhlig – Naidheachdan / News

Powered by WPeMatico