Air ais san Fhaoilleach, chaidh mi air taistealachd roc is rèile gu Lunnainn.
Às dèidh dhomh a’ cholaiste far an do choinnich triùir à Pink Floyd fhaicinn, bha an t-àm ann a dhol gu àite co-cheangailte ri ceòl rud beag eadar-dhealaichte – punc!
Mar a bhios fios aig leughadairean cunbhalach a’ bhloga seo, tha mi gu math dèidheil air a’ Chlash is air Big Audio Dynamite. Mar sin, b’ e an ath cheum agam dèanamh air an àite far an robh Mick Jones a’ fuireach nuair a bha e anns a’ Chlash.
Às dèidh turas air an Underground, bha mi ann an Westbourne Park. B’ e cha mhòr a’ chiad rud a chunnaic mi nuair a thàinig mi far na trèana an Westway. Tha tòrr iomraidhean cultarach ann mun rathad sin – òran London’s Burning, film Don Letts mun Chlash From the Westway to the World is tòrr a bharrachd. Tha e air còmhdach “Tighten Up Vol 88”, LP sgoinneil le B.A.D cuideachd.

Bha mi rud beag draghail mu bhith a’ dol dhan àite seo oir, mar a sgrìobh Mick Jones is Joe Strummer san t-sàr-òran Beyond the Pale aig Big Audio Dynamite “If you don’t know where I come from, you better stay clear of my trail, from the dark side of London, that’s way beyond the pale”.
Ach sna làithean seo, tha an t-àite air fàs gu math uaslaichte (gentrified) a rèir coltais. Is fìor thoil leam Lunnainn agus tha mi toilichte gu bheil an t-àite nas spaideile ach ’s e ana-ceartas mòr a th’ ann gu bheil Lunnainn – agus gu dearbha, Dùn Èideann, air fàs cho daor is nach eil e furasta do dhaoine àbhaisteach fuireach ann tuilleadh is gu bheil dròbhan a’ gluasad a-mach às a’ bhaile.
Fhuair mi deagh dhealbh den Tùr – bha Mick a’ fuireach air an 18mh làr. Ma tha thu air bhideo Sightsee MC le B.A.D fhaicinn, tha an tùr a nochdadh ann agus tha e cuideachd sna dealbhan sanasachd a rinn BAD nuair a bha thàinig an còmhla air ais còmhla ann an 2011 airson turas. (B’ e an gig aca ann an Glaschu an cuirm-ciùil a b’ fheàrr a chunnaic mi nam bheatha!)
Dh’fheuch mi ri dealbh a thogail san aon àite.
Choisich mi sìos gu Ladbroke Grove – a tha cuideachd a’ nochdadh anns an t-sàr òran Battle of All Saints Road le BAD.
“A couple of years ago down Ladbroke Grove…..”
An uair sin, ghlac mi an t-Underground gu Paddington (far an deach an radaigeach Èireannach Michael Davitt a chur an greim ann an 1870) agus ghlac mi loidhne Elizabeth airson a dhol gu West Ealing.

Gu mi-fhòrtanach, chaidh mi air an trèana cheàrr is chaidh mi seachad air an stèisean agam is landaig mi ann an Southall (far an robh mòr-thubaist rèile ann an 1997 a bha mar phàirt den adhbhar airson Network Rail a bhith a’ dol air ais dhan roinn phoblaich!) Ach ged a chaidh mi dhan àite cheàrr, tha mi toilichte gun deach mi ann oir chunnaic mi na soidhnichean dà-chànanach Punjabi-Beurla ann.

Fhuair mi an ath thrèana gu West Ealing an uair sin. Bha dà adhbhar ann airson turas gu Ealing. Sa chiad dol a-mach, bha mi an dòchas gum faicinn UFO no taibhse no a leithid – oir ’s ann an sin a bha na Sarah Jane Adventures suidhichte.
Agus tha meur-loidhne goirid ann eadar West Ealing agus Greenford. Is e loidhne gu math goirid a tha seo agus chan eil i air a dealanachadh fhathast. Chan eil àireamhan ro mhòr a’ cleachdadh na loidhne is mar sin, chan eil planaichean ann gus an loidhne a dhealanachadh le uèirean ach an àite sin, tha deuchainnean a’ dol air adhart air trèanaichean bataraidh a bhios a’ tearrdseadh aig na stèiseanan eadar-tursan. ’S e seann thrèanaichean D-stock at London Underground a th’ annta ach chaidh an ùrachadh le bataraidhean.

Cha robh na trèanaichean dealanach a’ ruith an latha sin ach bha iad rim faicinn agus fhuair mi cothrom a dhol air trèana diosail. Chaidh mi air ais an uair sin agus mi a’ dèanamh air Deptford far an robh Dire Straits a’ fuireach uair….
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean