Mo chiad “extreme day-trip”?

Le alasdairmaccaluim

Bha tòrr sna pàipearan bho chionn ghoirid mu “extreme day-trips”. Sin nuair a tha daoine a’ dol air turas fada fada air plèana agus air ais san aon latha.

Thug mi sùil air bhideo no dhà bho chionn ghoirid le daoine a’ dol eadar Glaschu agus bailtean leithid Baile Atha Cliath agus an Spàinn, an Fhraing, A’ Ghearmailt agus fiù ’s Morocco agus air ais ann an latha.

Bha mi a’ feuchainn ri Gàidhlig a chur air extreme day-trip “turas-latha anabharrach”  is dòcha?

Seo far am bi mi a’ dol air an turas latha mòr agam!
By Main Street, Hawes by Alan Murray-Rust, CC BY-SA 2.0,

Tha na daoine a tha dèidheil air tursan den leithid ag ràdh gu bheil iad a’ toirt cothrom do dhaoine aig nach eil mòran tìde saor, no aig nach eil cus airgid an tìde agus an t-airgead a bhiodh iad air cosg air oidhche ann an taigh-òsta a shàbhaladh.

Tuigidh mi sin ceart gu leòr, ach dhomhsa, tha aon turas tro phort-adhair gu leòr ann an latha agus nas cudromaiche, tha na h-eimiseanan CO2 às an dol a-mach seo dìreach gun chiall.

Nis, tha an teaghlach agam gu bhith air falbh aig deireadh na h-ath sheachdain. Tha Jenny agus Eva a’ dol gu Lunnainn agus tha Ciorstaidh a’ dol air falbh air le a caraidean.

Mar sin, shaoil mi gur e deagh leisgeul a bhiodh ann turas-latha mòr a dhèanamh.

Cha robh mi idir a’ dol a dhol air turas-latha anabharrach air plèana ach a dh’aindeoin sin shaoil e gum biodh e inntinneach beagan rannsachaidh a dhèanamh feuch an gabhadh a dhèanamh.

Choimhead mi air an Liosta Bucaid agam airson àiteachan a bha faisg gu leòr agus is dòcha far am b’ urrainnear deagh bhlas fhaighinn den àite ann an latha. Thàinig dà àite a-staigh orm – Gibraltar agus Monaco (is toil leam dùthchannan beaga is neo-àbhaisteach!)

Fhuair mi a-mach nach gabh turas latha a chur air dòigh gu Gibraltar – chan eil tursan-adhair ann à Alba a rèir coltais agus bhiodh agam ri dhol a Manchester an toiseach. Airson Monaco, tha seirbheisean adhair ann eadar Dùn Èideann agus Nice, am port-adhair às fhaisg air Monaco agus tha iad aig deagh àm.  Bha e coltach an tòiseach gun gabhadh a dhèanamh – ach cha b’ urrainn dhomh faighinn air ais san aon latha…

Thèid mi ann latha de na làithean, ach nì mi air trèana e – ma bhios an tìde no an t-airgead agam (trèana caideil Glaschu-Lunnainn, Lunnainn-Paris, trèana caideil Lunnainn – Nice, Nice-Monaco).

Ach mar a thuirt mi, tha mi a’ smaoineachadh gur e beachd faoin is cunnartach dhan àrainneachd a th’ ann an tursan-latha anabharrach air plèana co-dhiù.

Ach turasan-latha fada air trèana? Sin gu tur eadar-dhealaichte! Tha mi air a dhol gu Lunnainn, Sheffield, Doncaster, Wrexham is iomadh àite eile is air ais ann an latha. Agus le prìsean nan taighean-òsta tha sin a’ dèanamh ciall.

Mar sin, chaidh mi air ais dhan liosta agam airson coimhead air àiteachan a ruigear air an trèana no air bus ann an ùine nach eil ro fhada.  

Thug mi sùil air an liosta de dh’àiteachan far a bheil mi ag iarraidh a dhol agus an uair sin air na fòraidhean trèana no bus.

Bha seo uile mu mìos gu leth air thoiseach air an turas agus mar sin, bha tiocaidean advance rim faighinn – ach bha iad air a bhith rim faighinn fad mìos gu leth agus mar sin bha na fàraidhean saora air falbh airson cuid de na slighean is amannan mar-thà.

B’ e seo an liosta agam:

Taigh-tasgaidh Rathad-iarainn Locomotion ann an Shildon, Co Durham

Taigh-tasgaidh Rathad-iarainn Mhàd (Maud railway museum), Schd Obar Dheathain

Eilean Ghiogha

Taigh-tasgaidh nan Yorkshire Dales, Hawes

Thug mi sùil air an trèana/bus gu Màd an tòiseach ach fhuair mi a-mach nach biodh an taigh-tasgaidh – agus am meanbh-rathad-iarainn aca fosgailte air an latha sin agus gum biodh agam ri dhol ann taobh Baile nam Frisealach is mar sin, gum biodh e doirbh a dhol ann is air ais san aon latha co-dhiù.

An uair sin, thug mi sùil air Locomotion ach ged a bha trèanaichean gu leòr ann agus gun gabhadh a dhèanamh gu furasta ann an latha, bha na prìsean air fàs fìor dhaor.

Ghabhadh Giogha a dhèanamh ann an latha air a’ bhus eadar Glaschu is Ceann Loch Chille Chiarain agus bha na prìsean reusanta gu leòr, ach nuair a rinn mi beagan rannsachaidh air an eilean, bha mi den bheachd gun robh barrachd tìde a dhìth gus an t-eilean fhaicinn gu ceart.

Gu fortanach, ghabhadh turas latha a dhèanamh eadar Glaschu agus Hawes a dhèanamh ann an aon latha agus air prìs reusanta. Seo turas thairis air an Settle is Carlisle gu Garsdale agus an uair sin bus gu Hawes.

Ach carson a bha mi airson a dhol gu Hawes?

Mìnichidh mi san ath phost bloga agam.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean