“South of the river you stop and you hold everthing” – busaichean, trèanaichean, punc is prog ann an Lunnainn 3!

Le alasdairmaccaluim

Air ais san Fhaoilleach, chaidh mi air taistealachd roc is rèile gu Lunnainn.

Fhuair mi tiocaidean saora air a’ Chadalaiche eadar Glaschu is Lunnainn agus bha latha mòr gu bhith agam.

Às dèidh dhomh toglaichean co-cheangailte ri Pink Floyd agus Mick Jones fhaicinn, bha an t-àm ann ri dhol dhan taobh a-deas gu Deptford gus an taigh fhaicinn far an robh Dire Straits a’ fuireach uair.

Bha Dire Straits mar seòrsa gateway drug dhomh eadar pop agus meatailt anns na 1980an agus bha mi riamh anabarrach dèidheil air giotàr Mark Knopfler agus beus John Illsley. Chunnaic mi beò iad fiù ’s air ais ann an 1991 air a’ chuairt mu dheireadh aca.

Leugh mi eachdraidh beatha John Illsley bho chionn trì no ceithir bliadhna agus thog seo m’ ùidh sa chomhlan a-rithist.

Bha mi air taobh ceàrr a’ bhaile agus bha beagan thrèanaichean a bharrachd agam ri ghlacadh an toiseach.

Greenford-Marylebone, Marylebone-Charing Cross (Underground), Charing Cross-London Bridge, London Bridge – Deptford!

Agus leis a sin bha mi ann an Deptford.

Bha mi rud beag iomaganach oir ged a tha plac air a’ flat far an robh John Illsley agus David Knopfler a’ fuireach uair – agus far am biodh Mark Knopfler a’ cur seachad tòrr tìde, cha robh an tè leis a bheil am flat a-nis deònach tighinn a-mach aig a’ chuirm gus am plac a chur air bhog!

Agus nuair a chunnaic mi am flat, cha do dh’fhuirich mi ann fada – dìreach diog no dhà gus dealbh a thogail oir tha am plac ri taobh uinneig a’ chidsein agus cha robh mi airson dragh a chur air muinntir an taighe!

Leis a sin, agus ag èisteachd ri Telegraph Road air a’ fòn, choisich mi gu New Cross Gate – stèisean cudromach is inntinneach ann an Lunnainn an Ear.

Bha New Cross Gate air aon de na dà termini aig ceann a deas an East London Line, nach maireann.

Loidhne Lunnainn an Ear (nach maireann). Dealbh: Wikipedia Commons: https://commons.wikimedia.org/wiki/File:East_London_Line.png

‘S e an rud annasach mun loidhne seo gun robh New Cross air an terminus eile agus gu bheil an dà stèisean gu math gu math faisg air a chèile agus gun robh cha mhòr an aon choltas orra cuideachd a bharrachd air cha mhòr an aon ainm! Air an adhbhar seo, chleachd iad àrd-ùrlar A is B san dàrna stèisean agus 1 is 2 san stèisean eile gus am biodh fios aig luchd-obrach an Underground far an robh iad!

Dhùn an East London Line ann an 2007 ach chan e droch rud a bha sin oir chaidh a leudachadh agus tha i a-nis mar phàirt den Windrush Line san Overground.

Bho New Cross, chaidh mi gu ceann na loidhne ann an Crystal Palace. Bha mi airson a dhol ann gus an Windrush Line air fad a dhèanamh ach cuideachd, bha mi airson bus sònraichte fhaicinn – am bus-trama.

Trèana Overground aig ceann na loidhne, Crystal Palace

Seo bus dealanach sònraichte ùr a tha a’ cleachdadh pantograph aig deireadh na slighe gus chargeadh. Chaidh mi air turas goirid air a’ bhus gu stèisean nam bus is air ais agus abair gun robh e spòrsaile.

Ags leis a sin, bha an t-àm ann a dhol air ais gu Euston airson na trèana dhachaigh…

Abair latha !

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean