Tha iomairt ùr air tòiseachadh airson ath-bheothachadh rèile ann an Siorrachd Obar Dheathainn: an Iomairt Rèile an Ear-thuath.
Chan eil teagamh sam bith ann nach e Ear-thuath na h-Alba an t-àite ann an Alba far a bheil na beàrnan as motha ann an lìonra na h-Alba.
Ged is e Obar Dheathain an treas cathair-bhaile as motha ann an Alba, chan eil ach dà stèisean rèile ann: Obar Dheathain fhèin agus Deis (Dyce) a tha a’ faisg air a’ phort-adhair.
Agus ann an Siorrachd Obar Dheathain, chaidh an lionra rèile a sgrios gu mòr sna 1960an le tòrr bhailtean mòra agus bailtean dùtchail nach eil air am frithealadh le trèanaichean tuilleadh.
Ma tha thu airson faicinn cho dona ’s a bha na geàrraidhean, seo mapa seo de na rathaidean-iarainn san sgìre ann an 1867:

Seo mar a tha an sgìre an-diugh:

Tha an iomairt seo ag iarraidh an ana-cheartais seo a chur ceart le loidhnichean ùra do Cheann Phàdraig, Baile nam Frisealach (taobh Eilean) agus gu Beanncharaidh.
Seo molaidhean na h-iomairt:

Ged is iomairt ùr a tha seo, tha iad air tòiseachadh ann an dòigh gu math làidir is pròifeiseanta le tòrr obair coiteachaidh a’ dol air adhart le tagraichean airson taghadh Pàrlamaid na h-Alba.
Ma tha thu airson taic a chumail ris an iomairt chudromaich seo, soidhnig an athchuinge.
Gur math a thèid leis an iomairt seo. An dòchas nach bi e ro fhada mus faic sinn soidhnichean mar seo a dh’aithghearr!

Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico