Am bus a tha a’ smaoineachadh gur e trama a th’ ann – Glider Bheul Feriste

Le alasdairmaccaluim

Bha mi ann an Èirinn air ais san Lùnastal le m’ obair.

Fhad ’s a bha mi ann, fhuair mi cothrom a dhol air an t-seirbhis bus shònraichte aig Translink– an Glider.

’S e th’ anns a’ Ghilder ach seirbheis bus a tha caran coltach ri trama, le busaichean bendy spaideil aig a bheil coltas trama. Bidh e a’ ruith air slighean sònraichte air an rathad agus bithear a’ ceannach thiocaidean bho inneal aig stad nam bus seach air a’ bhus fhèin. Tha seirbheisean uamhasach tric agus cunbhalach. Tha seo a’ fàgail gu bheil e nas luaithe na bus àbhaisteach.

By Samson Ng . D201@EAL – https://www.flickr.com/photos/64314473@N08/48057488042/, CC BY-SA 4.0, https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=174303668

Chan eil seo ri ràdh gu bheil cho math ri trama – ’s e nach eil idir, ach tha e nas saoire do na h-ùghdarrasan còmhdhail a chur air dòigh agus bidh e a’ brosnachadh gluasad modh eadar car agus còmhdhail phoblach.

Chaidh mi eadar Seanadh Èireann a Tuath agus meadhan a’ bhaile tro Bheal Feirste an Iar agus bha a nt-seirbheis luath, sàmhach agus spaideil. Mholainn an Glider gu mòr!

Lionra a’ Ghlider:

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean