Tha pròiseact cudromach air tòiseachadh ann an Lunnainn a dh’fhaodadh buaidh mhòr a thoirt air cho uaine ’s a tha na rathaidean-iarainn.
Tha e cudromach a bhith a’ gluasad bho dhìosal gu dealain cho luath ’s a ghabhas ach tha e cuideachd cosgail a bhith a’ cur uèirean dealain suas, gu sònraichte airson loidhnichean far nach eil mòran luchd-cleachdaidh ann. Tha e a’ toirt ùine cuideachd agus tha fios againn nach eil mòran ùine air fhàgail againn airson dì-charbonachadh le atharrachadh na gnàth-shìde a’ tachairt cho luath.
Air an adhbhar seo, tha GWR air a bhith a’ dèanamh deuchainnean air trèana bataraidh-dealanach air meur-loidhne Greenford eadar West Ealing agus Greenford fad dà bhliadhna.
Le trèanaichean bataraidh, feumaidh rèinse gu leòr a bhith aca agus feumaidh iad teàirrdseadh luath gu leòr. Tha an deuchainn aig GWR air a bhith a’ coimhead air na ceistean seo – cho fada ’s a mhaireas an teàirrds, dè a’ bhuaidh a bhios aig trèanaichean làn, aig sìde fhuar is mar sin air adhart.
Bha an deuchainn soirbheachail agus a-nis tha an trèana gu bhith a’ dol ann an seirbheis phoblach agus bi cothrom againn uile a cleachdadh. An tòiseach, ’s ann a bhios i dìreach a’ ruith gach Disathairne, ach ’s e am plana gun tèid seo a leudachadh mean air mhean.
Chaidh meur-loidhne Greenford a thaghadh leis gu bheil i goirid, nach eil i ro thrang agus leis gum bi an trèana daonnan a’ cleachdadh nan aon àrd-ùrlaran. Tha padaichean dealain ann an Ealing an Iar a bheir teàirrds dhan trèana ann an 3.5 mionaidean. Tha an trèana bataraidh nas saoire na bhith a’ cleachdadh dìosail cuideachd.
Tha ùidh mhòr aig GWR anns an teicneòlas seo leis gu bheil grunn mheur-loidhnichean goirid aca far am biodh teicneòlas mar seo feumail gus cosgaisean ruith a lùghdachadh agus gus dì-charbonachadh. Tha meur-loidhnichean goirid aca gu Windsor, Marlow and Henley ann an ear-dheas Shasainn agus gu dearbha, tha meur-loidhne Liskeard-Looe agus St Erth-St Ives aca anns a’ Chòrn (a tha rud beag nas fhaide, ach fhathast taobh a-staigh rèinse nam bataraidhean).

Tha sinn ann an suidheachadh a-nis far a bheil na trèanaichean a tha dìosail a-mhàin a’ fàs seann agus far a bheil co-dhùnadh a dhìth sna beagan bhliadhnaichean a tha romhainn air dè a thèid a chur nan àite. Tha an deuchainn seo air sealltainn gu bheil an teicneòlas bataraidh a-nis aig ìre far am faodar trèanaichean bataraidh òrdachadh airson meur-loidhnichean.
Ann an Alba, chan eil mòran mheur-loidhnichean goirid ann far am biodh seo freagarrach ach bhiodh e air leth freagarrach airson meur-loidhne Cnoc Màiri (Glaschu Sràid na Banrigh-Cnoc Màiri-Fearann Anna) – loidhne goirid agus an t-aon loidhne suburbach ann an Glaschu nach eil dhealanach. Tha luchd-iomairt còmhdhail air a’ Ghàidhealtachd cuideachd air a bhith a’ moladh seirbheis ionadail eadar Inbhir Theòrsa agus Inbhir Ùige agus bhiodh an teicneòlas freagarrach an sin cuideachd.
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
