Tadhail air Eadar 2 Sgeul
Powered by WPeMatico
Trusaiche blogaichean
Tadhail air Eadar 2 Sgeul
Powered by WPeMatico
Le rumaclean
Thubhairt Dia: Neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.
Tadhail air Earrain Airson An Là
Powered by WPeMatico
Cha b’ e ach faclan dealanach a bh’ annad
ach thàinig an latha a thug mi an cuan orm
gu eilean siar
far an d’fhuair mi fàilte shunndach.
Dh’fhàs thu beò nam shaoghal dhomh.
‘S e neart nam anam a th’ annad
agus thàinig an latha a thug thu an cuan ort
gu eilean siar.
Mairidh tu beò nam chridhe dhomh.
Gum faigheadh tu fàilte shunndach.
Catrìona NicUilleim
Tadhail air Guthan na Gàidhlig
Powered by WPeMatico
Faodadh duine gleac cailis òr
bhon greim iarann Macaibh Mór,
no gaisgeach an rùn a tha e a’ sanntachadh
siolc bho na searr-fhiacal uilhbheist a-mach,
no troimh tòinean mion-chorrach
diùlannach snàmh thar a’ chuan onfhadhach,
no bho ceann na h-ìompireachd
air a sglaim crùn-òr leis am propaireach,
ach cha b’urrainn dhut riamh atharrachadh
beachd na h-amadan rag-mhuinealach.
Powered by WPeMatico
Cha dìochuimhnidh mi an h-oidhche Samhain
nuair a bha mi am measg a’ chlachain
air a chuairteachadh le leacan
’s nuair a bha a’ ghealach a deàlrachadh
air na craobhan ’s na duilleagan
a bha a’ crochadh bho na meanglan
soillseachadh mar bloighean na teine,
’s s’ ann air mo bheulaibh —
a h-aodann mhaiseachadh bàn
’s fiamh-ghàire air a tharraing
sgaoilteach dearg leathann
bho cluas gu cluas,
lethcheann gu lethcheann —
a bha bana-cleasaiche na seasamh
mar tè shluaigh a’ chruinn’ eile.
Ghoid mi phòg bhuaip’ an uair sin
mus do theich i air falbh.
Ach, na dìochuimhneam seo riamh!
Powered by WPeMatico
ged a tha mi air feuchainn
ri cùmail grèim air creideimh a’ Dhè
dlùth don cochall mo chridhe
(ach ro thric, creideamh a’ bhata bhuidhe),
an còmhnaidh cluinnidh mise
fuaim tuinn a’ chuain siar
’s nan gaoth thar am machrach
a sèididh troimh na luachrach
Powered by WPeMatico
tha thu ceart nach leigeil d’aoradairean a-steach
ach ann uidh air ’n uidh, seach fear seach,
’s gad shealladh fhein a-mhain nuair an t-eòlas
a tha e a’ call ann an lasraichean a fheòla-se.
‘S ann le boltrach àrd èiridh gu geisneach
bho air cùlaibh dhìth-chealtair nan slèisne
reamhar a falachas tu rùn-dìomhair
an-còmhnaidh bho sùilean do phrìomhair .
‘S rinn na draoidhean aosmhòr na dealbhan naomh
sna priomh-eaglais ann an doimhneachd nan uaimh
’s s’ ann an moladh ’s caithream ort
thog na h-aois-dan’ òrain adhraidh air àrd.
Powered by WPeMatico
Mo bhallach, an do ghabh thu do chrìdh’?
Cha ghabh, bha mo làmh air crith.
Mo bhallach, dè am bidh thu a’ dèanamh a-nis?
Gheibh mi tè èille nas freagarraich’ a bhanais.
Mo bhallach, dè mu dheidhinn do rùn?
‘S nas binne m’òran, nas droighniche mo chrùn.
Powered by WPeMatico
Le GunChleoc
“Seall na fhuair mise!” dh’osnaich Donna is leig i i fhèin tuiteam air being air beulaibh cafaidh. Chuir i a casan suas. “Saoil am faigh mi glainne uisge an-seo, air neo bobhla math brot?” thuirt i gu fochaideach. Chaidh càr seachad orra. “’S dòcha gun fhaigh sinn lioft?”
“Abair smuain”, bheachdaich an Gallifreyach, “ach dè an dòigh air a bhios daoine plastaig a’ stiùireadh chàraichean, agus càite an tèid iad?” Choisich e gu solas trafaige is sheas e ri a thaobh. An ceann greis, thionndaidh an solas gu dearg agus stad càr air a bheulaibh. Dh’fheuch an Dotair an doras fhosgladh, ach cha robh an làmh-dhorais ag obrachadh.
“Uill, chan fhaigh sinn lioft gu àite sam bith air an inneal a tha seo!” thug e barail. Na chrùban, thionndaidh e a bhas chun an làir agus stad e, a shùilean dùinte. “’m biodh? Cha, chan urrainn… bheil?”
– “Doctor?” chuala e a charaid ag èigheachd.
– “Ist!”
– “Doctor!”
– “A Dhonna, ist greiseag, feumaidh mi sàmhchair,” dh’iarr an Dotair le inntinn ann an saoghal eile.
Chum e a làmh air an làr gus an do dh’fhalbh an càr agus an solas-trafaig air a thionndadh gu uaine. “Tha!” thuirt e làn toileachais-inntinn. Dh’fhosgail e a shùilean agus sheall e suas far am faca e uabhas de cheò a’ stialladh nan speuran. Chualadh dùdaichean air astar.
“Saoil dè tha na theine a‑nis?” dh’fhaighnich a charaid. “Greas ort is seall!”
Bha i na seasamh aig ceann eile an rathaid is mìog air a h‑aodann. Thug an Dotair a chasan leis airson tighinn air a charaid fhad ’s a ruith innealan guthmhor nan sùilean gorma seachad air. Agus abair caisteal na theine mar bhogha-frois. “’S truagh nach eil popcorn againn,” bheachdaich Donna ri glag-ghàire. “Popcorn!” dh’aontaich an Tighearna-Tìme, “Rachamaid àiteigin far am faighear fear an ath-thuras. Siùcar no salainn?” Thug an dithis sùil ri càch a’ gàireachdainn.
Chaidh na solasan dheth.
~~~•∞•≈•≤☼≥•≈•∞•~~~ Briathrachas ~~~•∞•≈•≤☼≥•≈•∞•~~~
barail (nf) ~~~ conjecture, opinion, surmise
bas (nf) ~~~ palm
beachdaich (v) ~~~ observe, speculate
being (nf) ~~~ bench
cabhsair (nm) ~~~ pavement
crùban (nm) ~~~ crouching, sitting squat
dearbhaich (v) ~~~ verify
dùdach (nf) ~~~ siren
fochaideach (a) ~~~ mocking, scoffing
glag-ghàire (nf) ~~~ guffaw
làmh-dhorais (nf) ~~~ door handle
mìog (nf) ~~~ smirk
osnaich (v) ~~~ sigh
sàmhchair (nf) ~~~ silence, tranquility
stialladh (nm) ~~~ streaking, striping, scourging
taistealaiche (nm) ~~~ traveller
toileachas-inntinn (nm) ~~~ delight, aesthetic pleasure
Tadhail air Cànanaiche Craicte
Powered by WPeMatico