Oidhche Shamhna 2010 (do Jane Adams)

Le guthannagaidhlig

Cha b’ e ach faclan dealanach a bh’ annad
ach thàinig an latha a thug mi an cuan orm
gu eilean siar
far an d’fhuair mi fàilte shunndach.
Dh’fhàs thu beò nam shaoghal dhomh.

‘S e neart nam anam a th’ annad
agus thàinig an latha a thug thu an cuan ort
gu eilean siar.
Mairidh tu beò nam chridhe dhomh.
Gum faigheadh tu fàilte shunndach.

Catrìona NicUilleim


Tadhail air Guthan na Gàidhlig

Powered by WPeMatico