Splaoid gu Stròma – spòrs is Forteana ann an eilean trèigte

Le alasdairmaccaluim

Sgrìobh mi bho chionn ghoirid mu liostaichean-lice no bucket-lists. Am measg nan rudan air an liosta agam, bha a bhith a’ dol gu Eilean Stròma, an aon eilean ann an Gallaibh.

Bho sgrìobh mi sin, tha cothrom air a bhith agam a dhol ann!

Stroma OS map

Ionnsaich mi mun eilean an toiseach air an aon latha ’s a thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh. Bha mi air cùrsa Gàidhlig goirid aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1992 nuair a bha mi nam dheugaire agus bha tè eile sa chlas air an robh Stroma mar ainm.

“Ainm neo-àbhaisteach a tha sin” dh’fhaighnich an t-oide againn “cò às a thàinig e?”

Thuirt i gun robh a sinnsearan à Eilean Stròma agus gum biodh an t-ainm air nigheanan san teaghlach. Dh’ionnsaich mi gur e eilean far costa a tuath na h-Alba a th’ ann agus, coltach ri Hiort, gun robh sluagh ann uair ach gun do dh’fhalbh iad – 30 bliadhna às dèidh nan Hiortach.

Bha ùidh agam san eilean às dèidh sin ach cha robh mi a’ smaoineachadh gum biodh cothrom agam a dhol ann gu bràth. ’S e eilean prìobhaideach a th’ ann a-nis a tha air a chleachdadh mar thuathanas caoraich. Tha e leis an teaghlach Simpson, teaghlach Stròmach fhathast agus cha robh mòran chothroman a dhol ann.

Dh’atharraich sin am-bliadhna.

Tha an teaghlach Simpson air tursan cunbhalach dhan eilean a chur air dòigh, a thòisich aig toiseach an Ògmhios. Bidh cothrom agad a dhol air an eilean agus a dhol timcheall air ann an tractar agus trèilear. 

Thòisich an turas agam le turas air loidhne a’ chinn a tuath gu Inbhir Theòrsa far an do chuir mi seachad an oidhche.

Inbhir Theòrsa
An trèana mu dheireadh den oidhche às dèidh dha Inbhir Theòrsa a ruigsinn, 22:20.

Fhuair mi an Johnny Groat Shuttle, seirbheis meanbh-bus ùr air prìs reusanta, gu Taigh-Iain Ghròt far am faighear am bàta. Tha e air a ruith le Colin, fear às an sgìre a tha airson cur ri goireasan luchd-turais Ghallaibh – agus bha mi ag aontachadh ris gu mòr gu bheil Gallaibh underrated agus gum bu chòir barrachd dhaoine a dhol ann.

The Johnny Groat Shuttle, Taigh Iain Ghròt
The Johnny Groat shuttle Taigh Iain Ghrot

Agus leis a sin, bha mi ann an Taigh Iain Ghròt.  Bha mi ann an tòiseach air ais ann an 2011 agus bha am baile ann an droch staid. Bha an taigh-òsta air dùnadh sìos agus cha robh air fhàgail ach bùth tat no dhà. Bha beagan oifisean ann a bha HIE air cur air dòigh, ach bha iad uile air dùnadh agus bha feur a’ fàs tro na leacan fiù ’s. Tha e a-nis fada, fada nas fheàrr le barrachd chafaidhean, bhùitean, bùth-leabhraichean agus tòrr a bharrachd. Àiteachan campachaidh, taigh-grùide, taigh-staile….

Taigh Iain Ghròt
Taigh Iain Ghròt – tha am baile gu math spaideil sna làithean seo

Ach cha robh tìde agam goireasan a’ bhaile a chur gu feum – bha mi a’ dol dhan chala gus am bàta Stroma Voyager a ghlacadh.

Agus ged a bha aithris na sìde air a ràdh gum biodh droch uige ann, ‘s ann a bha e tropaigeach agus bha agam ri suntan lotion a cheannach sa Cho-op ann an Inbhir Theòrsa air an t-slighe ann. (Agus dà phàidh macaroni cuideachd – bracaist nan gaisgeach!)

Chan eil Stròma fada bho thìr-mòr – tha i dìreach mu 2 km no mar sin air falbh ach leis gu bheil e anns an Linne Arcaich, tha e gu tric a’ faireachdainn nas fhaide! Air an latha seo, ge-tà, bha sinn air tìr san eilean ann an 20 mionaid no mar sin anns a’ chala sgoinneil a chaidh a thogail dìreach beagan bliadhnaichean mus do dh’fhàg a’ choimhearsachd an t-eilean.

Sroma Voyager, Stròma
An Stroma Voyager, Cala Stròma

’S e eilean gu math inntinneach a th’ ann an Stròma agus bha sluagh mòr ann uair – còrr is 350. Tha 59 taighean cloiche làidir san eilean agus ged nach eil duine sam bith air a bhith a’ fuireach annta fad còrr is 60 bliadhna, tha tòrr aca fhathast ann an deagh staid.

Bha tractar agus trèilear a’ feitheimh ruinn – agus is math sin oir tha an rathad bhon chala gu math cas.

An tractar agus trèilear againn ann an Stròma

Chaidh sinn tro dhà bhaile an eilein – Uppertown agus Nethertown agus air adhart gu mullach an eilein far a bheil an taigh-solais.

Tha toglaichean a’ foghorn ann fhathast agus thog mi deagh dhealbh ann. Saoilidh mi gum biodh e gu math freagarrach airson còmhdach LP prog!

Conacag ceòtha, Stroma
Còmhdach an LP pròg ùr agam “A mournful sound in B”!

Dh’ionnsaich mi tòrr mun taigh-solais às dèidh làimh. Tha dà leabhar ann mun eilean ach tha an dà chuid a-mach à clò agus gu math daor – còrr is £50 gach fear. Às dèidh làimh, ge-tà, lorg mi leabhar eile a chaidh a sgrìobhadh le Margaret Aitken “Twelve Light Years”, tè a bha pòsta aig neach-glèidhidh taigh-solais agus a bha ann an Stròma aig meadhan nan 1950an. Bha i fhèin agus a duine Jimmy ann aig àm fìor inntinneach dhan eilean. Nuair a bha iad ann an tòiseach, bha coimhearsnachd ann, ged a bha i air crìonadh, le bùth is eaglais is sgoil fhathast ann. Nuair a dh’fhalbh i tràth sna 1960an, bha dìreach aon teaghlach air fhàgail agus bha e follaiseach nach biodh sluagh air an eilean fada. Gheibh sinn blasad san leabhar mu bheatha làitheil agus cur seachadan an eilein.

Taigh-solais is pad heileacoptair Stròma
Taigh-solais Stròma

Ged nach robh coimhearsnachd ann tuilleadh, bha beagan dhaoine a’ fuireach san taigh-solais gu deireadh nan 1990an ach a-nis tha e fèin-obrachail.

Rud a bhuail orm air costa a tuath an eilein, ’s e cho trang sa tha an linn Arcaich. Chunnaic sinn longan-bathair, aiseagan agus bàtaichean-cruise uile san àm a bha sinn ann, nam measg bàta a bha a’ giùlan cruinn-gaoithe.

Seann is ùr! Taigh trèigte agus bàta le crann-gaoite
Seann is ùr – taigh trèige agus bàta a’ giùlan cruinn-gaoithe

Chaidh sinn an uair sin dhan Ghloup toll mòr ann am meadhan an eilein. Bhoidh na Stròmaich a’ falach uisge-beatha bho na gàidsearan uair a rèir beul aithris an eilein.

An Gloup, Stròma
An Gloup, Stròma

Mus deach sinn air ais dhan chala, bha cothrom ann air barrachd Forteana! Chaidh sinn gu taigh-adhlacaidh nan Ceannadach far an robh mumaidhean Stròma uair, a bha a’ còrdadh gu mòr ri luchd-turais san ochdamh linn deug! Seo an sgeulachd:

Stròma - taigh-adhlacaidh
An taigh-adhlacaidh far an robh na mumaidhean uair!

’S e àite snog a th’ ann agus saoilidh mi gum biodh sluagh agus coimhearsnachd beothail fhathast ann mur a robh e san Linn Arcaich, far a bheil a’ mhuir uamhasach fhèin fiadhaich. Nuair a bha sluagh fhathast air an eilean, bha na daoine gu tric stuicte ann fad seachdainean sa Gheamhradh mar thoradh air droch thìde. Saoilidh mi gum biodh e coltach ri Cumaradh no Easdal no Cearrara no eilean eile mar sin le coimhearsnachd bheothail nam biodh e ann an àite le muir rud beag nas socaire.

Mholainn turas ann gu mòr!

Alasdair

Eaglais agus Mansa Stròma, Gallaibh
Eaglais, mansa agus bogsa fòn Stròma
Stròma

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean