Le Tuathach
“A thrusdair ghranda a tha thu ann,” dh’eigh Martainn, mar gun eistinnsa ri cail a chanadh a leithid. Bha Gertie bhochd an siud a’ gal ’s a’ sgreuchail mar oinseach gun chiall, ’s nach do fhliuch i i fhein, bronag.
‘S math gun Martainn ann ann an doigh. Thug e dhith a drathais gun fhiosda agus sheatlaig e sios i mus tug e chasan leis. Chaidh mise far an robh i. “Gertie a ghraidh, gu de fon ghrein a thachair an siud?” Bha a h-anail car mi-chinnteach ’s i dearg san aodann, ach beag air bheag thainig na facail. (Ged nach tainig ciall!)
Nuair a dh’eigh mise “De do bheo an-diugh, Gertie?”, ’s e chuala ise ach “Thoir an aire, Gertie, tha faoileag mhor air do cheann ’s i feuchainn ri do shuilean a sgrobadh asad!”
‘S beag an t-iongnadh gun do ghabh i an t-eagal. Co-dhiu, chaidh sinn sios dhan chafe, ’s ghabh sinn da chopan teatha comhla. Le siucar!
Tadhail air Corra Smuain
Powered by WPeMatico



