Le Graisg
Bidh fhios aig mòran blogairean cliùiteach gum bi agaibh a’ dol sìos dhan chala agus a’ toirt sùil air na h-ealanan a h-uile turas a bhios tu ann an Inbhir Narann.
Tadhail air Blog nam bhideos
Powered by WPeMatico
Trusaiche blogaichean
Le Graisg
Bidh fhios aig mòran blogairean cliùiteach gum bi agaibh a’ dol sìos dhan chala agus a’ toirt sùil air na h-ealanan a h-uile turas a bhios tu ann an Inbhir Narann.
Tadhail air Blog nam bhideos
Powered by WPeMatico
Le Cadalach

San dealbh is urrainn dhuibh am B of the Bang fhaicinn. ‘S e deilbheadh mór a th’ann a tha na sheasamh aig an lann-cluiche far am bi Manchester City a’ cluich ball-coise. An toigh leibh e? Nam bheachdsa tha e gu math inntinneach agus is toigh leam e.
Tadhail air Facal no dhà bho Chadalach
Powered by WPeMatico
Le Carol
Chan eil fhios agam carson a tha mi a’ sgriobhadh anns a’ Ghaidhlig, ach shaoil leam gum bheil cus bhlogaichean ’san t-saoghail ann am Beurla mar tha, agus tha fios nach eil blogaichean Gaidhlig gu leor ann. Mar sin dheth, ’se Gaidhlig a th’agam an seo. Cuideachd, cha chordadh e rium nan robh daoine eile nach b’aithne dhomh a’ leughadh mo bhlog. ‘San t-seadh seo, faodaidh mi a bhith cinnteach nach bi moran dhaoine ’ga leughadh. (Ach mura bheil mi airson gun leugh daoine e, carson a dheanainn blog ’sa chiad dol a-mach?? Deagh cheist!).
Tadhail air Am Blog
Powered by WPeMatico
Le Tuathach
Tadhail air Corra Smuain
Powered by WPeMatico
Le Tuathach
agus mar sin air aghaidh.
Chan eil na Labaraich Ura faisg a mhile air na Nasaich a thaobh an uilc ’s na h-ainghidheachd, ach tha iad air an aon chleas a dheanamh – partaidh a bha onaireach a ghoid airson an agenda aca fhein adhartachadh.
Gum mealadh na Labaraich Ura an naidheachd – tha iad air feallsanachd Margaret Thatcher agus Ronald Reagan a chumail a’ dol, agus an latha aca fada fada seachad.
‘S i a’ cheist, an robh na Labaraich mar a bha iad, mus do nochd Blair, cho falamh ’s brisg ’s nach robh dad annta a b’ fhiach a ghleidheil? Bha iomadach creutair durachdach a’ cumail taic ris na Labaraich tro na droch bhliadhnachan, ach de fhuair iad ach:
David Miliband
Ed Miliband
John Reid (manaidsear a’ bhanca, ’s e ri searmonachadh… a-rithist)
Alasdair Moireasdan (yes, sir!)
Hazel Blears
Tessa Jowell
Gordon Brown (bheil e fhathast ann?)
Harriet Harman
Tha an liosta ro fhada.
Oidhche mhath leibh – chan fhaigh sibh cadal samh agus Thatcherachd fhathast beo fallain.
Tadhail air Corra Smuain
Powered by WPeMatico
Le Tuathach
Nan ceadaicheadh an tide dhomh
Na-na-na-na-na-nan ciodaidh-cadaidh-ceadaicheadh an tide dhomh
‘S gun innsinn e do chach
Mior-a-mear-a-mar a mheall an saoghal mi
Le fini-faoineasan gun sta…
Siud mar chaidh an cal a dholaidh
Seo mar chaidh an cal a dholaidh
Siud mar chaidh an cal a dholaidh
Aig na bodaich a bha jolly
Siud mar chaidh an cal a dholaidh
Aig na bodaich Ghallda…
‘S fhearr leamsa a’ chiad oran air a ghabhail le Bonny Tyler air a’ chlar fhada aice “Siursach thursach” ach chan eil duine beo no marbh a b’ fhearr a ghabhadh an dara fear na Bobby Crush air a’ phiana bhinn aige.
De ur barail fhein?
Tadhail air Corra Smuain
Powered by WPeMatico