Aplacaidean Anaragach V: a h-uile stèisean!

Le alasdairmaccaluim

Bidh mi a’ cumail liosta den a h-uile stèisean rèile far an do ghlac mi trèana riamhh oir is e sàr anarag a th’ annam!

Gu ruige seo, tha mi air tadhal air 300 stèisean anns an RA.

Bha mi riamh airson mapa a dhèanamh de na stèiseanan uile sin agus a-nis tha mi air làrach-lìn a lorg a nì dìreach sin!

Seo am mapa air fad leis a h-uile stèisean.

Agus faodar sùmadh a-steach. Seo a’ Chuimrigh:

Agus seo Èirinn a Tuath

Agus seo Meadhan na h-Alba:

Agus seo meadhan Lunnainn leis na termini uile:

Chan eil an làrach-lìn foirfe oir chan eil a h-uile stèisean air airson adhbhar air choireigin, a’ gabhail a-steach cuid den fheadhainn as ùire – ach is e fìor dheagh spòrs a th’ ann!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Aplacaidean anaragach IV: a h-uile rathad-iarainn a bh’ ann riamh!

Le alasdairmaccaluim

Sa cheathramh bloga san t-sreath a’ coimhead air goireasan air-loidhne mu rathaidean-iarainn is còmhdhail san fharsaingeachd, tha an t-àm ann airson beagan eachdraidh!

Tha e furasta gu leòr mapaichean a cheannach den a h-uile rathad-iarainn a th’ againn ann am Breatainn is Èirinn. Bu choir lethbhreac den Rail Atlas of Great Britain and Ireland le SK Baker a bhith aig a h-uile duine a tha deidheil air trèanaichean.

Tha gu leòr mapaichean eachdraidheil ann cuideachd, a tha a’ sealltainn nan rathaidean-iàrainn uile a bh’ ann riamh – cuid aca a’ dèanamh coimeas eadar an latha an-diugh agus an suidheachadh eachdraidheil.

Ach gu math tric, tha an sgèile gu math mòr agus tha e doirbh obrachadh a-mach buileach far a bheil rudan.

Ann an suidheachaidhean mar sin, tha làrach-lìn air leth math ann: Railmaponline.

Faodaidh tu coimhead air rathaidean-iarainn mar a tha iad an-diugh no a’ coimhead orra san àm a dh’fhalbh.

Seo rathaidean-iarainn Glaschu san latha an-diugh mar eisimpleir.

Agus seo a h-uile rathad-iarainn a bh’ ann riamh sa bhaile!

Faodar sùmadh a-steach cuideachd airson faicinn dìreach far an robh na seann rathaidean-iarainn.

Bha mi ann am Baile na Drochaide ann an Glaschu bho choinn ghoirid agus bha mi airson faicinn far an robh an rathad-iarainn dhan t-seann stèisean Bridgeton Central a tha a-nis dùinte. Air a’ mhapa seo, chiì thu far an robh an loidhne (ann an dearg)- air mapa a tha a’ sealltainn na tha ann an-diugh.

Làrach-lìn sgoinneil!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Aplacaidean anaragach III – Maurauders Map nan trèanaichean!

Le alasdairmaccaluim

Ma tha thu deideil air sgeulachdan Harry Potter, mar a tha mi fhèin, bidh thu eòlach air a’ Mhaurauders Map – mapa de Hogwarts a tha a’ sealltainn far a bheil a h-uile duine.

Ach an robh fhios agad gu bheil mapa rathaid-iarainn ann mar sin?

Feuch Signalbox – Live Train Maps agus chì thu far a bheil a h-uile trèana a tha a’ gluasad air an lìonra nàiseanta!

Trèanaichean ann an Glaschu, bho Signalbox

A bharrachd air na trèanaichean air an lìonra nàiseanta, tha an aon seòrsa làrach-lìn ann airson London Underground:

Trèanaichean London Underground (ann am buidhe)

Ach coltach ri Harry Potter, tha cunnart ann gun tèid do chall ann an saoghal fantasaidh ma bheir thu seachad cus tìde a choimhead air na mapaichean agus gum bi thu a’ sìor-choimhead air trèanaichean air Loidhe a’ Chinn a Tuath an àite a bhith ag obair, ag ithe no a’ coimhead às do dhèidh fhèin!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean