Pìosan beaga siud an seo

Le Erin

College acceptances have begun to arrive, and while I haven’t decided whether or not to disclose the names of the colleges I’ve applied to, I have been accepted by two of my three Scottish universities! I am still waiting back on a few, but I’ve been accepted into one of my top 3 schools, so I am happy.

I just started Saoghal na Gàidhlig 1 at UHI in January and I have jumped, feet first, into Scottish (well, really British) history. In the medium of Gaelic. I am relieved to find that my mind, which during the fall had been spurting random bits of German, is now back to its normal state of Gaelic-ness. One difficulties has been the fact that I simply have never been exposed to a lot of the ancient stuff. For one thing, I had never had much interest in it. For another, I’m an American! Now I’m finding that knowledge of things such as Dal Riada and Ogham and the significance of 1066 is taken for granted and I’m trying to shove 12 (or so) years of Scottish history into a month or two. It’s been entirely thrilling and I know that all this knowledge will be useful if next year I attend *undisclosed Scottish university.*
So that’s a random update! I hope to have more posts this spring, articulating some my ideas and learning from my various classes and well as perhaps even creative writing. Who knows!
P.S. Tha mi really, really ag ionndrainn air Alba an-dràst’. Tha big-time cianalas agam.

Tadhail air Mo Bhlog Beag

Powered by WPeMatico

Geamannan Meadhan an t-Seachdain (28/11)

Le Unknown

Le còig geamannan ann am meadhan an t-seachdain, dh’fhaodadh tòrr rudan atharrachadh aig an àrd san lìog. Bhuannaich Celtic is Hibernian, is chaidh Cluaran Cailleanach Inbhir Nis os cionn Obar Dheathain. Aig an taobh eile, ghluais Siorrachd Rois is Naomh Mearain puing a bharrachd air thoiseach Dùn Dèagh.

Siorrachd Rois   0-0   Naomh Mearain

Thàinig an geama gu crìoch gun tadhal ann an Inbhir Pheòfharain, an còigeamh turas a thachair sin ann an geama Siorrachd Rois am-bliadhna.

Thòisich Siorrachd Rois uabhasach làidir, is bha iad a’ gluasad a’ bhalla timcheall a’ phàirc gu math. Bhuail Sam Morrow am post-bàire le buille-cinn às dèidh càirteal na h-uarach, is b’ e sin an cothrom a b’ fheàrr a bh’ aca fad na geama. Thòisich Mark Brown airson a’ chiad turas airson Siorrachd Rois, is chuir Jim Goodwin beagan dragh air, ach chaidh am balla os cionn a’ bhàir. Fhuair Siorrachd Rois breab-asgaidh taobh a-muigh a’ bhocsa, is ged gur e àite cunnartach a bh’ ann, chuir Vigurs farsaing e. Bha tòrr atharrachaidhean aig leth-ùine air oidhche fuar, is b’ e Naomh Mearain an sgioba a b’ fheàrr san dàrna leth. Thàinig Sam Parkin air an àite Steven Thompson, is bhuail esan am post-bàire nuair a lorg e cus rùm sa bhocsa. Bha Colin McMenamin glè aonaranach aig an àrd airson Siorrachd Rois, ach bha cothrom eile airson Vigurs, a chaidh a ghlèidheadh le Craig Samson, a b’ àbhaist a bhith aig Siorrachd Rois. Le deich mionaidean air fhàgail, chuir McGinn am balla seachad a’ ghlèidheadair, ach bha Scott Boyd air an loidhne airson ga chumail a-mach.

An cluicheadair as fheàrr: Gary Teale (Naomh Mearain)

Obar Dheathain     2-3     Cluaran Cailleanach Inbhir Nis

Magennis “45”, “50”        McKay “36”, “82”

Billy McKay às dèidh dàrna tadhal aige fhaighinn
                                           Warren “58”

Chaidh Caley Thistle Inbhir Nis suas dhan dàrna àite san lìog às dèidh buannachadh an-aghaidh sgioba air ghleus, Obar Dheathain.

Ghlèidh Reguero cothrom a bh’ aig Johnny Hayes tràth sa gheama, ach thàinig a’ chiad tadhal airson Caley. Bhuannaich Foran am balla ann am meadhan a’ phàirc, is thoir e do Shinnie e. Chuir e am balla a-steach dhan bhocsa, is bha Billy McKay ann airson breab fhaighinn seachad a’ ghlèidheadair. Dh’atharraich an geama le dà thadhal bho Josh Magennis ge-tà. Thàinig a’ chiad fear nuair a bha e san àite ceart aig an àm ceart, ach bha an dàrna fear miorbhaileach ri fhaicinn. Thionndaidh e Meekings gu furasta, is chuir e am balla thairis a’ ghlèidheadair. Ged a bha cothroman gu leòr aig Obar Dheathain airson barrachd tadhail fhaighinn, fhuair Gary Warren an ath fhear, buille-cinn bho breab-oisean. Rinn Caley Thistle Inbhir Nis ullachadh math airson geama Cupa na h-Alba an-aghaidh Siorrachd Rois aig an deireadh-sheachdain le tadhal eile. Às dèidh balla fada bho Meekings, cha d’ fhuair Anderson neo Naysmith greim air a’ bhalla, is fhuair McKay an dàrna tadhal aige.

An cluicheadair as fheàrr: Billy McKay (Cluaran Cailleanach Inbhir Nis)

Dùn Dèagh Aonaichte   1-2   Tobar na Màthar

Daly “37”                                  Higdon “7”

                                                 Humphrey “10”

Chùm Tobar na Màthar air leis an ath-bheòthachadh aca le buannachadh math ann an Dùn Dèagh.

Thàinig a’ chiad tadhal às dèidh seachd mionaidean, is bha e ro fhurasta airson Higdon. Chuir Hately am balla a-steach dhan bhocsa, is chaill a h-uile cluicheadair e ach Higdon, a chuir e seachad a’ ghlèidheadair. Cha robh tòrr ùine aca ri feitheamh airson an dàrna tadhal, is bha e sònraichte math. Thoir Ojamaa am balla do Chris Humphrey, is ruith e aig na luchd-dìon. Bhreab e am balla bho còig slait air fhichead, is cha robh cothrom aig Cierzniak ga ghlèidheadh. Thàinig Dùn Dèagh Aonaichte air ais gu làidir, is nuair a bha oidhirp aig Gavin Gunning bho breab-oisean, fhuair Randolph corrag air airson ga chur os cionn a’ bhàir. Co-dhiù, às dèidh mearachd aig a’ chùl a rinn Shaun Hutchinson, bha Jon Daly san àite ceart airson tadhal fhaighinn air ais. Bha smachd aig Dùn Dèagh Aonaichte às dèidh leth-ùine, ach cha robh iad cunnartach gu leòr aig an àrd. Bha oidhirp math aig John Rankin a bha air a ghlèidheadh, is chaill Skacel cothrom sgoinneil. Aig an taobh eile, ghlèidh Cierzniak oidhirp a bh’ aig Jamie Murphy. Ged a chuir Rudi Skacel am balla san neata, bha Daly air an taobh dheth ron a sin, a’ ciallachadh gu bheil Skacel fhathast a’ feitheamh air a’ chiad tadhal aige ann an leine Dùn Dèagh Aonaichte.

An cluicheadair as fheàrr: Chris Humphrey (Tobar na Màthar)

Dave McKay às dèidh cairt dhearg fhaighinn
Baile Naoimh Eòin   0-1   Hibernian

                                           Cairney “82”

Thàinig an geama seo ann an Siorrachd Pheairt gu crìoch dràmadach, nuair a ghoid Hibernian na trì puingean.

Cha b’ e geama beòthail a bh’ ann aig an toiseach tòiseachaidh, is bha coltas ann gun robh an dà sgioba nearbhach. Chaill Hibernian an dà gheama mu dheireadh aca, is cha robh iad airson geama eile a chaill. Nuair a thoir Paul Hanlon ionnsaigh air Tade, bhreab Liam Craig am breab-asgaidh, ach thuit e am bàire. Bha an dàrna leth fada na b’ fheàrr, ach bha e làn de mhearachdan. Bha Ryan McGivern fortanach nach d’ fhuair Tade tadhal às dèidh am mearachd aige, is nuair a chaill Hibernian am balla ann am meadhan a’ phàirc, ghlèidh Williams oidhirp gun cumhachd a bh’ aig Steven MacLean. Fhuair Baile Naoimh Eòin breab-peanais nuair a thuit Dave Mackay sìos sa bhocsa, is a-rithist, bha Williams air ghleus airson an oidhirp aig Nigel Hasselbaink a ghlèidheadh. Aig an taobh eile, fhuair Cairney an taobh a-mhàin san geama, nuair a ruith e seachad na luchd-dìon airson breab fhaighinn air a’ bhalla. Dh’fhàs an oidhche na bu mhiosa airson Baile Naoimh Eòin nuair a fhuair Mackay cairt dhearg airson dhol aghaidh ri aghaidh còmhla ri Leigh Griffiths.  

An cluichedair as fheàrr: Ben Williams (Hibernian)

Cridhe Mheadhan-Lodainn   0-4   Celtic

                                                         Lassad “10”

                                                         Lustig “22”

                                                         Stevenson (og.) “30”

                                                         Hooper “83”

Lassad Nouioui
Ged a chluich Hearts math oidhche Chiadain, bha iad ro lag aig a’ chùl airson Celtic a chumail a-mach.

Cha robh ach deich mionaidean air a’ ghleoc nuair a fhuair Celtic a’ chiad tadhal. Chuir Commons balla miorbhaileach a-staigh dhan bhocsa, is bha Lassad ann airson an dàrna tadhal aige fhaighinn airson Celtic. Chaill Callum Paterson buille-cinn furasta nuair a bha e na aonar sa bhocsa, is chaidh Celtic dà thadhal air thoiseach ann an ùine ghoirid. Fhuair Mikael Lustig e, às dèidh obair math a rinn e còmhla ri Lassad. Chaidh dà oidhirp a ghlèidheadh le Fraser Forster, is bha an glèidheadair Sasannach ann an dèagh shunnd. Ged a bha Hearts a’ cruthachadh cothroman, cha robh smachd aca aig a’ chùl, is chuir Ryan Stevenson am balla seachad a’ ghlèidheadair aige fhèin airson an treas tadhal. Ghlèidh Forster breab-asgaidh cumhachdach aig Kevin McHattie, is nuair a thoir Wilson ionnsaigh air Stevenson, ghlèidh e am breab-peanais aig Zaliukas cuideachd. Ach, ron a sin, fhuair Gary Hooper an ceathramh tadhal às dèidh balla math fhaighinn bho Charlie Mulgrew.

An cluicheadair as fheàrr: Mikael Lustig (Celtic)

Sgioba den t-seachdain: Celtic

CM


Tadhail air Ball-coise Albannach

Powered by WPeMatico

Earrann 7

Le Unknown

Foighidinn agus Buaireas
Sheall e dha Foighidinn agus Buaireas.
     A thuilleadh air a siud chunnaic mi as mo chadal gun do ghabh am Fear-mìneachaidh air làimh e, agus gun d’thug e steach e do sheòmar beag, far an robh dithis chloinne nan suidhe, gach fear air cathair dha fhèin. B’ e ainm an fhir bu shine Buaireas, agus ainm an fhir eile Foighidinn. Bha coltas air Buaireas a bhi cànranach, ach bha Foighidinn solt.

Is àill le Buaireas nithean air ball. Foighidinn deònach fuireach.

     An sin dh’fhaighnich Crìosdaidh, carson a bha Buaireas cànranach. Fhreagair am Fear-mineachaidh: Tha an athair air son gum fanadh iad ris a’ chuid as fheàrr gu toiseach na h-ath-bhliadhna. Tha Buaireas air son an t-iomlan fhaotainn air ball, ach tha Foighidinn deònach feitheamh.

Fhuair Buaireas a mhiann is chaith e an t-iomlan an tiota.

     An sin chunnaic mi gun d’thàinig fear gu Buaireas le poca ionmhais, ’s gun dhòirt e aig a chasan e: gun thog Buaireas e ’s gun rinn e aoibhneas os a chionn — a’ cur a theanga na phluic ri Foighidinn. Cha robh mi fada gabhail ealla ris nuair a chunnaic mi gun robh an t-iomlan aige air a chosg, ’s nach robh air fhàgail aige ach na luideagan.

     An sin thuirt Crìosdaidh ris an Fhear-mhìneachaidh: “Cuir tuilleadh solais air a seo dhomh.”

     Mar sin thuirt e: “Is samhla gach fear aca siud. Tha Buaireas na shamhla air daoine an t-saoghail seo, agus Foighidinn air daoine an t-saoghail ri teachd. Mar a tha thu faicinn: cha bhi Buaireas air a dhòigh mur faigh e ’n t-iomlan air ball, am bliadhna, is e sin anns an t-saoghal seo. Is ionnan sin is daoine an t-saoghail seo. Cha bhi iad riaraichte mur faigh iad an cuid de nithean maithe a-nise — chan urrainn iad fuireach gus an ath-bhliadhna, is e sin gus an ath-shaoghal, air son na cuid as fheàrr.

Eun san làimh, sin roghainn duine an t-saoghail.

     Tha barrachd buaidh san dubhfhacal ud dhaibh: “Is fheàrr aon eun san dòrn na dha dheug air iteig,” na tha an uile theisteas Dhè, mu shonas an t-saoghail ri teachd. Ach mar a chunnaic thu, gun robh an t-iomlan air a chosg aige an tiota, ’s nach robh nì air fhàgail aige ach na luideagan, is ann mar sin a bhitheas e don t-seòrsa ud uile, aig deireadh an t-saoghail seo.

An gliocas as fheàrr aig Foighidinn.

     An sin thuirt Crìosdaidh: “Tha mi nise faicinn gur h-ann aig Foighidinn a tha an gliocas as fheàrr, agus sin airson adhbhar no dhà. (l) A chionn gu bheil e feitheamh ris na nithean as fheàrr. (2) Agus a chionn gum bi glòir aigesan an uair nach bi nì aig an fhear eile ach luideagan.”

     Am FEAR: Seadh, is faodaidh tu fear a bharrachd ainmeachadh, eadhon nach teirig glòir an ath-shaoghail a-chaoidh, ach nach eil nithean an t-saoghail seo ach diombuan. Uime sin cha robh mòr-adhbhar aig Buaireas a bhi fanaid air Foighidinn, a chionn gun d’fhuair e a nithean maithe an toiseach, cho maith ’s a bhios aig Foighidinn a bhi fanaid air Buaireas, a chionn gun d’fhuair e a nithean maithe air a’ cheann mu dheireadh. Feumaidh a’ cheud fhear àite a dhèanamh don fhear mu dheireadh, a chionn gum bi an tìm ri teachd aig an fhear mu dheireadh. Cha bhi aig an fhear mu dheireadh ri àite dhèanamh do neach eile, ’s gun neach eile ri thighinn as a dhèidh. Uime sin tha e soilleir gum feum tìm gu cosg a bhi aig an fhear a tha faotainn a chuibhrinn air tùs, ach bidh a chuibhreann a-chaoidh aig an fhear a gheibh mu dheireadh e.

Fhuair Dives a chuid air tùs.

     Mar sin tha e sgrìobhte mun duine shaidhbhir: “Fhuair thusa do nithean maithe ri àm dhuit a bhi beò, agus Lasaras mar an ceudna droch nithean, ach a-nis tha esan a’ faotainn sòlais agus tha thusa air do phianadh.” [Lùcas 16:25]

     CR.: Tha mi faicinn nach e bhi sanntachadh nithean a tha làthair as fheàrr idir, ach a bhi feitheamh ri nithean a tha ri teachd.

Chan eil na ceud nithean ach diombuan.

     Am FEAR: Tha ’n fhìrinn agad. Chan eil nithean a chithear ach diombuan, ach tha na nithean nach fhaicear sìorraidh. Ged a tha sin mar sin, a chionn gu bheil nithean a tha làthair agus ar miann feòlmhor nan dlùth-choimhearsnaich da chèile, tha iad a’ tuiteam an gaol a chèile: air an làimh eile, tha ar miann feòlmhor agus nithean ri teachd nan coigrich da chèile, agus air an adhbhar sin, tha iad a’ buanachadh anns an dàimh sin. [2 Cor. 4:18; Ròm. 7:15-25]


Tadhail air TURAS A’ CHRÌOSDAIDH le Iain Buinian

Powered by WPeMatico

Fo-thiotalan – Subtitles

Le Garrett Anderson

Hallo a dhuine ’s a mhnathan uaisle! Tha mi a’ sgrìobhadh dhuibh an diugh airson fiosrachadh a thoirt dhuibh mu’m chàraid a tha ag obair air fo-thiotalan Gaeilge. Mar a Ghàidhlig bidh a’ chuid mhòr de na meadhanan anns a’ Ghaeilge a’ tighinn le fo-thiotalan anns a’ Bheurla. Well, tha mo chàraid a’ cur fho-thiotalan Gaeilge an àite na Beurla air bhideothan Gaeilge. Tha e an dòchas gum bi na bhideothan aige cuideachail do dhaoine a tha a’ foghlam a’ chànain. Gliog an seo airson tuilleadh fhaicinn: Fo-Thiotalan Gaeilge

Hello ladies and gentlemen! I am writing to you all today to tell you about my friend who is working on Irish subtitles. Like Scottish Gaelic, the majority of mass media in Irish comes with subtitles in English. Well, my friend is putting Irish subtitles in place of the English on Irish videos. He hopes that his videos will be helpful to people who are learning the language. Click here for more information: Irish Subtitles


Tadhail air Sìr mi, Alba! – Hire me, Scotland!

Powered by WPeMatico

Às mo chiall?!

Le Anndra Cook-Jolicoeur

Ro àm dìnnearach chuir mi romham a dhol a-mach airson sgrìob a ghabhail. Tha e math airson slàinte dhaoine beagan eacarsaich fhaighinn.

Ach bha an teothachd timcheall air -20°C. Smaoinich! Dè do bheachd? An robh mi às mo chiall?
Ach bha mi air a bhith a’ fuireach aig an taigh fad an latha an-diugh, co-dhiù gu ruige sin, ‘s cha b’ urrain dhomh an còrr dhen latha a chur seachad gun a bhith a’ dol a-muigh air neo chuireadh seo mi às mo chiall!

Gu nàdarrach chuir mi aodach blàth orm. Fiu ‘s fo-aodach a’ gheamhraidh, ‘s e sin ri ràdh le casan fada, gam chumail ro-blàth. ‘S mar sin thug mi an t-sràid orm.
Nuair a bha mi a’ coiseachd, chunna mi solais na Nollaige a tha fhathast ann air taobh a-muigh nan taighean. Mar a chì thu, stad mi mionaid gus dealbh neo dhà a thogail. Air an làimh chlì, shuas, solais na Nollaig air neo a’ gheamhraidh le solas trafaig.

Cha deach mi ro fhada. Ach ràinig mi Talla a’ Bhaile le Craobh na Nollaig ‘s solais eile air taobh a-muigh an togalaich. Abair sealladh!
‘S ged a bha mi air mo reothadh leis an fhuachd thug mi dealbh eile. Seo Talla a’ Bhaile.











Bha mi gu tur toilichte a bhith air ais aig an taigh an dèidh sin. Bha dìnnear mhath agam.: iasg agus sliseagan. Ach tha mi a’ dèanamh fiughair ris an t-earrach a-nis.

Tadhail air Eadar 2 Sgeul

Powered by WPeMatico

Ceithir rudan so-dhèanta, ’s aon do-dhèanta

Le

Faodadh duine gleac cailis òr

bhon greim iarann Macaibh Mór,

no gaisgeach an rùn a tha e a’ sanntachadh

siolc bho na searr-fhiacal uilhbheist a-mach,

no troimh tòinean mion-chorrach

diùlannach snàmh thar a’ chuan onfhadhach,

no bho ceann na h-ìompireachd

air a sglaim crùn-òr leis am propaireach,

ach cha b’urrainn dhut riamh atharrachadh

beachd na h-amadan rag-mhuinealach.


Tadhail air

‘S ann an seo far a bheil mo chridh’

Powered by WPeMatico

Faire chlaidh

Le

Cha dìochuimhnidh mi an h-oidhche Samhain

nuair a bha mi am measg a’ chlachain

air a chuairteachadh le leacan

’s nuair a bha a’ ghealach a deàlrachadh

air na craobhan ’s na duilleagan

a bha a’ crochadh bho na meanglan

soillseachadh mar bloighean na teine,

’s s’ ann air mo bheulaibh —

a h-aodann mhaiseachadh bàn

’s fiamh-ghàire air a tharraing

sgaoilteach dearg leathann

bho cluas gu cluas,

lethcheann gu lethcheann —

a bha bana-cleasaiche na seasamh

mar tè shluaigh a’ chruinn’ eile.

Ghoid mi phòg bhuaip’ an uair sin

mus do theich i air falbh.

Ach, na dìochuimhneam seo riamh!


Tadhail air

‘S ann an seo far a bheil mo chridh’

Powered by WPeMatico