Daor-chleachdadh

Le lasairdhubh

Dè a’ Ghàidhlig a chuireamaid air ‘exploitation’ anns an t-seagh shònraichte a’ ciallachadh a bhith a’ cleachdadh cuideigin no rudeigin ann an dòigh mhì-chothromach no neo-bheusach, mar a mhìnich an OED:

“The action or fact of taking advantage of something or someone in an unfair or unethical manner.”

Tha e coltach gu bheil a’ chiall àicheil dhen fhacal seo reusanta ùr agus gun deach a chleachdadh anns an t-seagh seo sa Bheurla a’ chiad uair anns na 1830an ann an iomradh air an sgrìobhadh aig an t-sòisealach thràth Saint-Simon.

’S e bun-bheachd ro chudromach a th’ ann, ach cha chreid mi gu bheil deagh fhacal Gàidhlig againn fhathast a tha ga riochdachadh gu ceart.

Dh’fhaodamaid a dhol le ‘dubh-shaothrachadh’ gur dòcha, bonntaichte air an fhacal aig na h-Èireannaich ‘dúshaothrú’, ach chan eil fios agam an cleachdar ‘saothair’ ann an dòigh aisigeach ro thric air an taobh againne de Shruth na Maoile (.i. a’ ciallachadh rudeigin a tha a’ faighinn obair seach cuideigin a tha a’ dèanamh obair). Cuideachd, tha am buadhair ‘dubh’ caran farsaing. Bu toil leam rudeigin nas mionaidich.

Mar sin, tha mi a’ dol a dh’fheuchainn ‘daor-chleachdadh’. Tha mi a’ faireachdainn, ann an co-theagsa, gum bi ciall a’ bhriathair seo reusanta trìd-shoilleir. Tha mi a’ moladh ‘daor’ anns an t-seann seagh ‘unfree, servile, laborious’ (faicibh ‘doír’ ann an eDIL). Gheibhear an ro-leasaichean seo anns na faclan ‘daor-mhaighstir’ (oppressor), daor-ghille (slave), agus ‘daor-thaigh’ (prison).

Is toil leam e, ach dè ur beachdan-se?

Dealbh: Coalbrookdale by Night, Philip James de Loutherbourg, 1801

Powered by WPeMatico


Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach

Tùr Innealta

Le lasairdhubh

Ciamar a chanar artificial intelligence anns a’ Ghàidhlig?

Nuair a thig teicneòlas ùr sam bith am bàrr, daonnan ’s e ceist a th’ ann—anns a h-uile cànan ach a’ Bheurla mar as tric—dè briathar ùr a chleachdar air an teicneòlas sin? An dèan sinn tar-litreachadh air an ainm Bheurla mar a rinnear le ‘fòn’, an cruthaich sin briathar ùr freumhaichte anns a’ Ghàidhlig mar a rinneadh le ‘eadar-lìon’, no an dèan sinn rudeigin eadar a dhà mar a rinneadh leis a’ bhriathar ‘teicneòlas’ fhèin?

Tha a’ cheist seo na cùram don chuid a sgrìobhas ficsean saidheans gun teagamh, ach cuideachd, ’s e tè a bheir buaidh air an dòigh anns am bruidhinn sinn mu theicneòlas anns na naidheachdan agus air an dòigh anns an tèid saidheans agus teicneòlas a theagasg anns na sgoiltean. Agus dh’fhaodadh i a bhith connspaideach cuideachd aig amannan, le diofar bheachdan aig diofar dhaoine air an fhreagairt a b’ fheàrr dhi.

A thaobh artificial intelligence, tha mi air ‘tuigse innealta’, ‘tuigse innleachdail’, ‘faisneis fuadain’, agus ‘inntinn fuadain’ fhaicinn, ged nach eil gin dhiubh stèidhichte fhathast, chanainn. ’S e an cleachdadh as cumanta air fad, ann an sgrìobhadh Gàidhlig, ach cuideachd ann an labhairt, bhite an dùil, gun cleachdar an acronaim ‘AI’ air iasad bhon Bheurla, agus tha sin nàdarra gu leòr, ach dè ma tha sin ag iarraidh an abairt shlàn a chleachdadh? Dè bhiodh ciallach anns a’ Ghàidhlig an uair sin?

Mar a chithear bhon thiotal, b’ fheàrr leamsa ‘tùr innealta’, agus bu toil leam mìneachadh carson.

A’ tòiseachadh le artificial, agus a-mach à ‘fuadain’, ‘brèige’ agus ‘innealta’ mar eadar-theangachaidhean, saoilidh mi gur e ‘innealta’ am briathar as iomchaidh anns a’ cho-theacsa seo. Tha blas rudeigin breitheach, àicheil air na faclan ‘fuadain’ is ‘brèige’, coltach ri fake sa Bheurla. Tha ‘innealta’ nas neodraich, chanainn, a’ riochdachadh rudeigin a chaidh a chruthachadh le innleachdan daonna seach gnìomhan nàdarra.

Tha an t-eadar-theangachadh air intelligence nas dorra gu cinnteach. Tha iomadh briathar Gàidhlig mun cuairt air a’ bhun-bheachd a tha ga riochdachadh an seo le intelligence sa Bheurla: ‘tuigse’, ‘gliocas’, ‘inntinn’, ‘tulchuis’, ‘ciall’, ‘aigne’, ‘mothachadh’ uile nam measg. Ach dhòmhsa dheth, co-dhiù, ’s e ‘tùr’ am briathar as fhaisge air intelligence anns an t-seagh ‘comas-smaoineachaidh’ mar a thèid ciallachadh nuair a thathas a-mach air ‘AI’.

Chan e facal uamhasach cumanta a th’ ann an ‘tùr’ anns an t-seagh seo, ach chan eil e uile gu lèir à cleachdadh fhathast nas mò, gu h-àraidh anns an abairt ‘gun tùr’, agus tha am buadhair stèidhichte air, ‘tùrail’, reusanta bitheanta, cuideachd. Agus saoilidh mi gu bheil e nas fheàrr a bhith a’ tarraing air faclan nach eil ro chumanta nuair a nithear briathran no abairtean ùra mar seo, gus “semantic overload” a sheachnadh, mar a theireadh Wilson McLeod ris, .i. a’ cur cus chiallan air àireimh bhig de bhriathran làitheil, rud a gheibhear nan cleachdte ‘tuigse’ an seo, tha mi a’ creidsinn.

Mar sin, bidh mi a’ cleachdadh ‘tùr innealta’ anns an ath nobhail agam. Tha mi air fàs cleachdte ris, agus tha e a’ còrdadh rium, ach sin mise. Saoil, dè ur beachd-se? Dè mholadh sibhse?

Powered by WPeMatico


Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach

Coimheagar

Le lasairdhubh

Chan eil diù a’ choin agam do glainead na Gàidhlig. Bidh cànanan daonnan a’ gabhail iasad air faclan is abairtean bho chànanan eile. ’S e gnìomh cudromach, àbhaisteach a th’ ann ann am mion-fhàs cànain sam bith. ’S mar sin, nuair a thig e gu bruidhinn anns a’ Ghàidhlig mu rian de rudan a tha ag obair ri chèile, coltach ris a h-uile duine eile, cleachdaidh mi am facal-iasaid siostam, agus gur math a fhreagras e.

Ach an latha eile, thàinig mi tarsaing air facal ùr ann an Dwelly a’ riochdachadh an aon bhun-bheachd: comh-eagar, agus thaitinn e leam cho mòr, saoilidh mi gun tòisich mi a chleachdadh an àite siostam, aig amannan co-dhiù. Is toil leam comh-eagar air sàillibh ’s gu bheil ciall an fhacail cho follaiseach bho chiall an dà eileamaid dheth: rudan air an eagrachadh ri chèile, .i. siostam.

Chan e facal cumanta a th’ ann, gun teagamh. Cha do lorg mi aon iomradh air ann an DASG. Ach tha e reusanta cumanta ann an Gàidhlig na h-Èireann, a’ ciallachadh co-òrdanachadh an sin. An aon rud, ge-tà: nuair a chanas mi fhìn e, gu nàdarra, bidh mi a’ cur a’ bheuma air a’ chiad lide. Chan eil fhios agam a bheil sin traidiseanta gus nach eil, ach tha e a’ faireachdainn ceart, agus mar sin, nuair a chleachdas mi ann sgrìobhadh e, saoilidh mi gun litrich mi mar aon fhacal e: coimheagar.

Dè ur beachd?

Powered by WPeMatico


Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach

in-spreigeadh

Le lasairdhubh

Fhad ’s a bhios mi ag obair air an ath nobhail FS agam, bidh agam ri briathrachas a chruthachadh bho àm gu àm gus bun-bheachdan teicnigeach/saidheansail a chur an cèill, agus anns a’ bhlog seo, air uairibh, bu toil leam innse mu chuid dhe na taghaidhean a rinn mi, feuch dè tha sibhse a’ smaoineachadh umhpa.

Cha chreid mi gu bheil deagh fhacal againn anns a’ Ghàidhlig air instinct anns an t-seagh bhitheòlach, mhion-fhàsach. Tha Dwelly a’ moladh nàdar, agus tha sin a’ freagairt air instinct anns an t-seagh choitcheann, ach chan eil e a’ freagairt air a’ chiall theicnigeach, cha chreid mi, mar ghiùlan aig creutair a tha air a phrògramadh na eanchainn le mion-fhàs. Tha nàdar ro choitcheann anns an t-seagh seo. Chan eil anseotal.org.uk a’ moladh sìon, agus chan eil na Raghall MacLeòid agus Ruairidh MacThòmais anns an leabhar aca, Bith-Eòlas.

Mar sin, mholainn gun togar briathar air na freumhan Laidinn. Tha instinct a’ tighinn bho instinctus a tha a’ ciallachadh impulse, bho instinguere, na chothlamadh dhen ro-leasachan in- agus dhen ghnìomhair stinguere a tha a’ ciallachadh to prick. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil in-spreigeadh a’ riochdachadh na cèille seo gu math, agus ann an co-theagsa, saoilidh mi gu bheil a chiall reusanta soilleir bho eileamaidean.

Dè tha sibhse a’ smaoineachadh. Leigibh fios!

T-Rex ScottRobertAnselmo CC BY-SA 3.0.


Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach

Powered by WPeMatico