Saen

Le Eòsaph


Dè tha sin – Saen (Zen)?

Bha Saen “sgoil” Budaism ann an Sìona mu na linntean meadhanach, mu 700-1100. Thànig Saen gu Sìona bho Na h-Innseachan le Bodhidharma, manach Innseannach fionnsgeulach. Theagaisg Bodhidharma dòigh meòmhrachadh glè simplidh is dhomhainn. Tha an meòmhrachadh aig Bodhidharma agus an prìomh-athairan Saen as deidh Bodhidharma (a’ chiad prìomh-athair), mar Hui-Neng (an siathamh prìomh-athair), dòigh co-chruinnich na h-inntinn, agus mu dheireadh, dòigh rach thairis air agus mar sin a’ cur crìoch na h-uile fulangas is mealladh san leth a-staigh sinn fhein.

Theagaisg na prìomh-athairan Saen nach eil dad sam bith ‘san saoghal ach tha e foillseachadh Fìrinn. Mar sin, tha sinne a-huile duine nad amadanan, oir tha sinn a’ lorg gu brath rudeigin coisrigte no fiorghlan dealaichte bho’n tiota sin, an corp sin, am beatha sin againn. Chan eil am fìrinn Saen ach an saoghal sin—às eugmhais na h-inntinn a tha a’ cabadaich fad na-huine, no os cionn, no air chùl na h-inntinn sin.

Tha, air chùl na h-inntinn againn, saoghal “eile,” saoghal chan aithne na h-inntinn a’ dèanamh grèim air, oir chan eil an saoghal fìor a-staigh na chinn againn. Tha an saoghal gu brath an-seo, a-nis. Chan aithne dhuinn a’ dèanamh grèim air ach dìreach, air leth gach bun-bheachd, air leth a-huile smaoin.

Dìreach SIN

AN-SEO

A-NIS

IONGANTACH!


Tadhail air An Gaidheal Iùdhach

Powered by WPeMatico

Leisg

Le Eòsaph

Tha mi airson a bhith a’ sgriobhadh rudegin, ged a tha sin ach a bhith a’ cuimhneachadh ciamar a’ sgriobhadh s’a Ghàidhlig as deidh faisg air mìos gu lèir sàmhach. Tha iomadh smaointinn agam airson cuspairean ùra. Tòrr cuspairean, ach rud beag Gàidhlig! Co-dhiu, tha am saoghail cho innteannach an drasda, gu sònraichte ann an Iosrael. Agus tha mòran bàrdachd a bhith a’ sgriobhadh cuideachd. Tha mise a dèanamh cus rudan! (a bheil sin deagh Gàidhlig, “cus rudan”??)

Tadhail air An Gaidheal Iùdhach

Powered by WPeMatico

Turas gu Sydney

Le Seonaidh



Chaidh sinn le itealan gu Sydney air son laithean saora Nollaige am bliadhna. Bha sinn a’ fuireach anns an fho-bhaile Ultimo direach faisg air Baile Sineach agus na Féiltean aig Padruig. Bha torr taigh-bidhean ri laimh agus bha móran ann ri fhaicinn, ri ceannach is ri dèanamh an siud is aig Taobh na h-Acarsaid (ann an Laimrig Feudaile), aig Na Creagan, aig a’ Bhaile Mhór fhéin agus aig Taigh an Drama Liriceach. Shiubhail sinn air an Aon Réile agus rinn mi beagan streap creagan (rud eagalach a dhèanamh) a measg iomadh eile. Feuchaidh mi dealbhan a nochdadh dhuibh (ma is urrainn dhomh). Ah bha mi soirbheachail leis na dealbhan. Ma a tha sibh dealbhan eile fhaicinn is urrainn dhomh am foillseachadh. Thog mi iad leis a’ chamara mheurach ghasda ùr a fhuair mi air son Nollaige. Anns an dealbh os ar ceann chi sibh an drochaid ainmeil agus anns an dealbh fon sin chi sibh Craobh Ard Na Nollaige taobh a staigh an togalach stàiteil QVB (An Aitreabh Aig A’ Bhan-righ Bhiactoirea).

Bha móran sgeadachaidhean Nollaige eile mu thimcheall a’ Bhaile. Chuala sinn coisirean a’ seinn nan laoidhean Nollaige aig Ionadan Buitearachd is bha Laoidhean Nollaige le Solus Coinneala a ghabh aite an darna cuid ann am Melbourne is ann an Sydney air an nochdadh air taidhsearachd. Mu dheireadh chunnaic sinn a’ Bhan-righ a’ bruidhinn le teachdaireachd Nollaige.


Tadhail air Mo Leabhar-lin fhein

Powered by WPeMatico

Luimneachan

Le Eòsaph

Chaidh Ameareaga ‘null do’n Iarac
Bha sinn ‘ gealltainn a’ toirt dhaibhsan sgailc
Bha an gnothaichean doirbh
na mheas sinn gu dearbh
Is a-nis saoilidh sinn, “let’s go back!”

Bheil cuimhn’ agaibh Bill an ceann-suidhe?
Bha còrdadh ris ‘huile baintighearna
Bha aon e a’ miannachadh
‘s thug i dha beannachadh
Ach cha robh e mu dheireadh glè bhuidhe!

Tha mise an Gaidheal Iùdhach
Mar as tric’ chan eil mise cho sàmhach
Tha mi ’ glagais is glagain
aig àirde mo chlaiginn
is dùisg mi ‘n iomlan na coimhearsnachd!


Tadhail air An Gaidheal Iùdhach

Powered by WPeMatico

Haiacu

Le Eòsaph

Graisg

Mac Inbhir Narainn
Tha am bardachd agadsa
Uabhasach math

Mona

Nighean neonach againn
Tha thusa nad boireannach
Laghach gu dearbh

Tearlach

“Chuch” mo charaid
A bheil an t-aimsir an siud
Fuar gu leor dhutsa?

Cadalach

Ged a tha thusa
Na chadal ‘ huile latha, tha
Deagh Gaidhlig agad


Tadhail air An Gaidheal Iùdhach

Powered by WPeMatico

Dun Eideann

Le Sorcha-Aodhagán Pentland

Chan eil moran tide agam ach sgriobhaidh mi pios beag gu luath. Tha mi a’ fuireach a-nis ann an ostail oigridh faisg air Sraid a Phrionnsa agus tha mi ag obair ann am buth air Sraid a’ Phrionnsa. Chan eil mi a’ deanamh cus ach a’ dol dhan obair agus chilleadh a-mach feasgar, an-seo agus aig Cafaidh na Coille. Tha e a’ cordadh ruim a’ bhith an-seo.

Tadhail air Smaoineachaidhean Sorcha

Powered by WPeMatico