Bha mi a’ bruidhinn ri co-obraiche Fionlannach san oifis an-diugh. Bha e ag innse dhomh mun trèana motorail san Fhionnlainn.
Dè th’ ann am motorail?
’S e a th’ ann ach seirbheis trèana far am bi do chàr a’ dol air an trèana còmhla rut. Tha seirbheisean mar seo gu math goireasach ma tha thu a’ dol air turas fada is nach eil thu airson dràibheadh, ach nuair a tha càr a dhìth ort aig do cheann-uidhe.
Seo an lìonra motorail san Fhionnlainn.

Ach an robh fhios agad gun robh lìonra mòr againn ann am Breatainn uair? Chithear mapa gu h-ìosal den lìonra agus abair gun robh e coileanta – bha e a’ frithealadh a h-uile prìomh bhaile agus tha e follaiseach gun robh làithean-saora cudromach oir a bharrachd air bailtean-mòra, tha seirbheisean ann dhan Chùirn, Devon agus do Bhrockenhurst (airson an New Forest agus Eilean Wight). Bha ceanglaichean ann ri Èirinn cuideachd, taobh Abergwaun (Fishguard) agus ri tìr mòr na h-Eòrpa taobh Dover.

Thòisich an t-seirbheis ann an 1955 agus mhair e gu 1995. Thòisich e aig àm nuair a bha càraichean a’ sìor fhàs nas cumanta ach nach robh na rathaidean – no na càraichean fhèin – uamhasach freagarrach airson turasan fada.
Bha an t-seirbheis gu math goireasach is feumail ach chrìon àireamhan an luchd-chleachdaidh mean air mhean nuair a thàinig fàs air lìonra nam Mòr-rathaidean agus piseach air càileachd nan càraichean.
B’ e prìobhaideachadh an rud a chur às dhan t-seirbheis aig a’ cheann thall. Bha e a’ call airgid agus cha robh e uamhasach soilleir dè am francise anns am bu chòir dha a bhith. Mar sin, chaidh cur às dhan t-seirbheis nuair a bhathar ag ullachadh gus na rathaidean-iarainn a chur san roinn phrìobhaidich.
Is bochd nach eil e againn tuilleadh ach chan eil e idir coltach gun till an t-seirbheis oir bhiodh tòrr bun-structar a dhìth air agus is dòcha gum biodh na prìsean ro àrd airson dràibhearan an latha an-diugh, gu h-àraid le seirbheisean trèana nas luaithe, mòr-rathaidean nas fheàrr, càraichean màil saora agus EasyJet is Ryanair a-nis ann.
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean