Tha mi air meanbh-fhaclair dhen bhriathrachas-sheòlaidh anns an Luingeas Dorcha air Fàire a chruthachadh, agus gheibhear an seo i, ach shaoil mi gur dòcha nach dèanadh na mìneachaidhean an sin cus ciall do chuid nach eil tuilleadh is eòlach air a’ bhriathrachas-seòlaidh anns a’ Bheurla mar-thà. Mar sin, chruthaich mi an taisbeanadh shìos mar nàdar de fhaclair lèirsinneach, le dealbhan a’ sealltainn ciall nam faclan is nan abairtean, agus iad anns an òrdugh a nochdas iad anns an leabhar. Gun leig sibh fios dhomh anns na beachdan aig a’ bhonn ma tha sìon shìos mì-shoilleir. Tha mi an dòchas gu bheil e feumail!
32 chleachdadh i an seòmar ann am bràigh a’ bhàta mar thèarmann
276 Chluinnte faram tiamhaidh na gaoithe os an cionn agus i a’ glagadaich tarraingean nam bàtaichean ri an cruinn.
276 bha dòrlach sgollagan air an ceangal ri ceann a’ mheòir
276 slùpan is sgùdan sa mhòr-chuid dhiubh
276 Anns an dorchadas, chìte loidhne de ràthan
276–77 srianan meirge a’ ruith sìos a cliathaich bho na clàran-slabhraidh
278 cha b’ fhada gus an robh i aig tarsnan a’ bhàta
278 ghabh i greim air stob-teasairginn
279 le àradh taodach na làimh.
279 chitheadh i a-nis gun robh a loidhne-shnàimh glan.
280 “Thigibh fo chlàr,” ars ise, agus choisich i eatarra, sìos tron toll-bhùird.
280 os cionn na leapa ris a’ bhòrd-bheulaibh
286 thog iad acair gun unndais-acrach
286 Cheangal i an geimheal aig ceann na tarrainge-meadhain ri ceann an t-siùil
287 a’ sniuradh suas an t-seòil
286 ri greimiche aig bonn a’ chruinn
286 bha an sgòd-meadhain air a cheangal ris a’ chrann-sgòid tro ulag aig cùl an t-sluic-stiùiridh
286 theannaich na cupaill
286 air taobh an fhuaraidh
287 cheangail i a cheann rithe, agus an uair sin, lean i an taom le a làimh a lorg na cluaise
287 ga ceangal ris a’ gheimheal air claigeann a’ bhàta
287 tro ulagan air an stoc agus dha na h-unndaisean-làimhe
287 chliop i na h-iarnaichean beaga air an taom ris an stagh-thoisich
303 falmadair fon achlais,
307 Cha bu mharaiche mi. Cha do bhean mi ri taod gus an tàinig mi chun na planaide seo,
310 bha an dà sheòl a-nis a’ cnagadh le fuaradh-cluaise.
311 Bha i fhèin a’ coimhead air balbh-shruth a’ bhàta
312 “Feumaidh sinn riof a chur anns an aodach.”
313 Chan eil asairean-teasairginn againn air bòrd.
313 bha am bàta na laighe thuige
313 tron lùbaich anns an taom
313 leis an lùbaich anns an leud-deiridh
318 bha taoim a’ slupraich mun cuairt
319
352 choimhead i a-mach air an rotal a’ sruthadh às an dèidh.
352 b’ urrainn dhi an sgrìobair fhaireachdainn a’ bocadaich thar grunnd na mara.
352 an toll aca làn chreachannan, chrùbagan, ghìoganan, agus ghiomach.
415 bha torman iomanair na luinge cho àrd ’s nach cluinnte dad eile
Tùsan:
Cox, Richard A. V. 2017 Geàrr-Ghràmar na Gàidhlig. Ceann Drochaid: Clann Tuirc
Dwelly, Edward 1994 [1911] The Illustrated Gaelic-English Dictionary. Glasgow: Garm Publications
MacAulay, John 1996 Birlinn: Longships of the Hebrides. Strond: White Horse Press.
MacDonald, Rev. Fr. Allan 1972 Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay. Oxford: Oxford University Press.
MacLennan, Malcolm 1979 [1925] A Pronouncing and Etymological Dictionary of the Gaelic Language: Gaelic-English/English-Gaelic. Edinburgh: Acair/Aberdeen University Press
Mark, Colin B. D. 2003 The Gaelic-English Dictionary. London: Routledge, 2003.
McLeod, Wilson and Michael Newton.M 2019 The Highest Apple/An Ubhal as Àirde: An Anthology of Scottish Gaelic Literature. London: Francis Boutle Publishers.
Nicolson, Alexander 1881 A Collection of Gaelic Proverbs and Familiar Phrases, based on Macintosh’s collection. Edinburgh: Maclachlan and Stewart.
Thomson, Derick S. (Ed.) 1996 Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: Selected Poems. Edinburgh: The Scottish Academic Press for the Scottish Gaelic Texts Society.