Leabharlann an Trainspotter 1 – Rail Atlas Of Great Britain And Ireland, SK Baker/Joe Brown

Le alasdairmaccaluim

Shaoil mi gum biodh e math sreath a sgrìobhadh mu chuid de na leabhraichean as fheàrr mu rathaidean-iarainn, leabhraichean a bu choir a bhith aig a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an trèanaichean, tramaichean is tràilidhean.

Tòisichidh sinn leis an leabhar as cudromaiche!

Dealbh de chomhdach an leabhair "Rail Atlas Great Britain and Ireland" le SK Baker le loco clas 70 le trèana bathair a' dol seachad air taighean ann am baile beag ann an Sasainn

Ma tha ùidh agad ann an rathaidean-iarainn, tha e feumail leabhar a bhith agad a tha a’ sealltainn a h-uile rathad-iarainn a th’ ann.

Bho chionn 50 bliadhna no mar sin, thòisich SK Baker air pròiseact gus atlas a dhèanamh leis a h-uile rathad-iarainn ann am Breatainn is Èireann, a’ gabhail a-steach loidhnichean air an lìonra naiseanta, loidhnichean glèidhte, slighean trama agus meatrothan. Chuir e diofar dhathan air na diofar sheòrsaichean rathaid-iarainn – dubh airson rathaidean-iarainn air an lìonra naiseanta, dearg airson rathaidean-iarainn air an lìonra naiseanta airson bathar a-mhàin,  gorm airson rathaidean-iarainn glèidhte agus uaine airson slighean-trama no meatrothan. Bha e a’ sealltainn trèanaichean de gach gèidse cuideachd (ach a-mhàin meanbh-rathaidean-iarainn le gèidse nas lugha na 12”).

Dealbh bhon atlas le Hampshire, WIltshire agus Eilean Wight
Eisimpleir de mhapa ann an leabhar Baker bho chost a deas Shasainn.

A bharrachd air loidhnichean a th’ ann aig an àm seo, tha e cuideachd a’ sealltainn loidhnichean a tha gan togail, no planaichean airson loidhnichean ùra. Agus tha mapaichean air sgèile nas motha de na cathair-bhailtean far a bheil tòrr rathaidean-iarainn ann, leithid Lunnainn, Glaschu is Baile Atha Cliath.

Thòisich an leabhar aig deireadh nan 1970an agus rinn Baker 15 eagrain dheth.

Tha an leabhar cho cumanta is cliùiteach am measg trainspotters – agus daoine ann an gnìomhachas nan rathad-iarainn – is gun can cuid “the Baker Bible” ris. Fhuair mi a’ chiad eagran agam sna 1980an agus tha gu leòr air a bhith agam bhon uair sin.

Gu mì-fhortanach, chaochail Stuart K Baker ann an 2020 ach tha neach-deasachaidh ùr aig an atlas a-nis: Joe Brown, sàr-chartographer eile – agus chì sinn cuid de na rudan eile a rinn e san t-sreath seo fhathast.

Dealbh de chomhdach an leabhair "Rail Atlas Great Britain and IReland, Founded by S.K Baker - 16th edition" le Joe Brown. Tha dà thrèana ann am baile-mòr ann an Sasainn air a' chomhdach.

Tha Joe air beagan leasachaidhean a chur ris an leabhar, a’ gabhail a-steach clàr-innse le ainmean Gàidhlig, Cuimris is Gaeilge nan stèiseasanan aig a bheil soidhnichean dà-chànanach.

Bidh tòrr dhaoine a’ comharrachadh nan loidhnichean uile air an robh iad le highlighter air a’ Bhaker aca, mi fhèin nam measg. Agus tha e daonnan math comas a dhèanamh eadar diofar eagrain den leabhar.

Ma tha thu a’ tòiseachadh leabharlann rèile, seo an t-àite tòiseachaidh agad!

Alasdair

Gheibhear an leabhar bhon fhoillseachair an seo air £20.

Tha Joe Brown air Bluesky https://bsky.app/profile/joebrownlondon.bsky.social

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean