Ball-coise

Le Cadalach

An toigh leibh ball-coise? Chan eil mi cho déidheil air — ’s fheàrr leam criogaid — ach tha Cupa na Cruinne air fàire ’s bidh a h-uile duine a’ bruidhinn air a dh’aithghearr.

Co-dhiù, fhuair mi post-d bho charaid an diugh. Thuirt e “Tha fhios a’m nach toigh leat ball-coise, ach ’s toigh leat StickCricket, mar sin, ’s dòcha gum bidh seo a’ còrdadh riut cuideachd”. Uill, chluich mi geama no dà fhichead agus chan eil e dona idir 🙂 Ach dhomhsa, tha e gu math doirbh — chan eil mi air barrachd air fichead puing ’s a h-ochd a chur ri chéile fhathast. Feuchaidh mi a-rithist nas anmoiche…


Tadhail air Facal no dhà bho Chadalach

Powered by WPeMatico