- An t-Sultain 2025: Obar Dheathain-na Longan Àrda / Aberdeen-the Tall Shipsby seaboardgàidhlig on Dih, 5 Sult 2025 at 12:18m
Bha mi uabhasach fhèin fortanach is toilichte a bhith an làthair nuair a thàinig na Rèisean Tall Ships a dh’Obar Dheathain san Iuchar am bliadhna, a chiad uair às dèidh an tadhail mu dheireadh an sin ann an 1997. Ghlèidh mi àite-fuirich faisg air a’ chaladh bliadhna gu lèir ro làimh, cho luath’s a bha
- 2025 An t-Iuchar: Dhèanainn Sùgradh ris an Nighinn Duibh / July: Making Merry with the Dark Lassieby seaboardgàidhlig on Dih, 11 Iuch 2025 at 5:41f
Seo òran ainmeil far a bheil maraiche a’ bruidhinn mun long aige mar gum b’ e a leannan a bh’ innte. ‘S e seòrsa òrain-ghaoil dhan bhàta-siùil a th’ ann, ‘s dòcha long dhubh, no tè le siùil dhorcha. Seòlaidh e leatha dhan Ròimh ‘s dhan Fhraing, agus cumaidh e sùil gheur oirre gus an
- 2025 an Cèitean: Drochaid an Airgid/May: Silverbridgeby seaboardgàidhlig on DiL, 28 Gibl 2025 at 12:29f
Cuairt Drochaid an Airgid Tha sibh uile eòlach air Eas Rothagaidh, eadar Cunndainn is Gairbh air rathad Ulapul, far am bi tòrr dhaoine a’ dol as t-samhradh an dòchas na bradain fhaicinn, is iad a’ leum suas an eas san Alltan Dubh gus an grunnd-cladha a ruigsinn. Chan eil a’ chuairt sin ach 20 –
- 2025 An Giblean/April: Waipu (2)by seaboardgàidhlig on DiC, 2 Gibl 2025 at 11:47f
Waipu – sgeulachd iongantach (2) Ann am Pàirt 1 ar sgeulachd, dh’fhàg sinn an t-Urr. Tormod MacLeòid a’ meòrachadh mu eilthireachd a-rithist, a-mach à Ceap Breatainn, is a’ bheatha an sin air fàs ro dhoirbh dhan tuineachadh aige leis a’ ghort air fàire is cùisean a’ dol am miosad san fharsaingeachd. Ach càit’ an rachadh
- 2025 am Màrt/March: Waipu (1)by seaboardgàidhlig on DiD, 2 Màrt 2025 at 3:55f
Waipu – sgeulachd iongantach (1) Às dèidh an t-siubhail agam a dh’Astràilia san t-Samhain, chaidh mi a Shealainn Nuadh, agus an sin ‘s e baile beag Waipu, Eilean a Tuath, a bha am measg nan ceann-uidhe a bu chudromaiche dhomh. Carson? Uill, ‘s e ceann-uidhe sònraichte a bh’ ann do Ghàidheil eile, mu 175 bliadhna
- 2025 an Gearran / Feb: Gwaliaby seaboardgàidhlig on DiL, 27 Faoi 2025 at 1:37m
Gwalia, Astràilia an Iar Bha mi ann an Astràlia an Iar san t-Samhain, air cèilidh air mo bhràthair ann am Peairt, agus bha turas thairis air an Outback dha na Goldfields, na “Raointean Òir”, am measg nam fìor bhàrr-phuingean. Bha mi airson a dhol ann fad bliadhna no dhà, às dèidh dhomh dealbhan is aithrisean
- 2024 An Dùbhlachd: Tha sneachd air Druim Uachdair / Dec. Snow on Drumochterby seaboardgàidhlig on Dih, 20 Dùbh 2024 at 10:02f
Tha sneachd air Druim Uachdair Seo òran àlainn dhuibh, freagarrach dhan Dùbhlachd, mun gheamhradh ‘s mun ghaol, sgeul duine òig, Fearchar MacIain Òig a bha ann an sgìre Dhruim Uachdair mar fhògarrach. Bha e air am maor fuathaichte a mharbhadh ann an Ceann an t-Sàil às dèidh dhasan an coire aig bhean Fhearchair a phùnndadh,
- 2024 An Dàmhair: Caorainn / Oct. Rowansby seaboardgàidhlig on Dia, 28 Samh 2024 at 9:12m
Caorainn An-diugh bidh mi a’ toirt sùil air aon de na craobhan dùthchasach as sine, as samhlachaile, agus as brèagha na Gàidhealtachd, an caorann. San earrach tha blàthan àlainn geala air, agus bhon Lùnasdal chun na Nollaig co-dhiù chì sinn na dearcan dearga boillsgeanta air feadh an àite, agus tha am pailteas dhiubh againn am
- 2024 an t-Sultain: Taigh-staile Toulvaddie/Sep. Toulvaddie Distilleryby seaboardgàidhlig on DiC, 28 Lùna 2024 at 7:54m
Taigh-staile Toulvaddie Bha cothrom agam o chionn ghoirid tadhal air àite tarraingeach dìreach air cùl nam bailtean, meanbh-thaigh-staile ùr, Toulvaddie, faisg air Easter Airfield. Rinn mi agallamh leis an stèidheadair, agus fhuair mi a-mach gu bheil rudan annasach gu leòr a thaobh an taigh-staile seo. Sa chiad àite, ‘s e boireannach a stèidhich e, Heather
- 2024 an t-Òg-mhios: Gàrraidhean Caisteal Chaladair / June: Cawdor Castle Gardensby seaboardgàidhlig on DiC, 29 Cèit 2024 at 11:42f
Gàrraidhean Caisteal Chaladair / Cawdor Castle Gardens Tha mi cho fortanach ‘s gum bi mi a’ tadhail air Caisteal Chaladair iomadh uair gach seusan turasachd, leis gun toir mi tursan-bus ann bho na loidhnearan ann an Inbhir Ghòrdain. ‘S dòcha gun sgrìobh mi mun chaisteal fhèin ann an eagran eile, ach am mìos seo tha