Pàrlamaid na h-Alba

  • Taigh an Ròid a’ sireadh bheachdan air dreachd Plana Atharrachadh Gnàth-thìde Riaghaltas na h-Alba 
    by Oifigear Gàidhlig on DiM, 6 Faoi 2026 at 2:39f

    Dè do bheachd air na molaidhean a tha gan cur an cèill ann an dreachd Plana Atharrachadh Gnàth-thìde Riaghaltas na h-Alba? A bheil iad a’ dol fada gu leòr? A bheil iad mionaideach gu leòr? Dè an còrr a ghabhas dèanamh gus a bhith cinnteach gun ruig Alba a targaidean a thaobh cothromachadh-carboin?   Tha Pàrlamaid na h-Alba … Leugh an corr de Taigh an Ròid a’ sireadh bheachdan air dreachd Plana Atharrachadh Gnàth-thìde Riaghaltas na h-Alba 

  • Comataidh Taigh an Ròid ag aontachadh ri prionnsapalan coitcheann Bile na Croitearachd is Cùirt an Fhearainn
    by Oifigear Gàidhlig on DiM, 6 Faoi 2026 at 2:30f

     Tha Comataidh nan Cùisean Dùthchail is nan Eilean aig Taigh an Ròid air dearbhadh gu bheil iad a’ toirt taic do phrionnsapalan coitcheann Bile na Croitearachd is Cùirt an Fhearainn, ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh. Ach, air sgàth aonta farsaing gu bheil feum air ‘ath-sgrùdadh nas bunaitiche agus nas structarail’ air poileasaidh is … Leugh an corr de Comataidh Taigh an Ròid ag aontachadh ri prionnsapalan coitcheann Bile na Croitearachd is Cùirt an Fhearainn

  • Fios naidheachd: Lagh Cànan Soidhnidh na bhuannachd air leth, ach tha dùbhlain ann fhathast
    by Oifigear Gàidhlig on Dih, 26 Sult 2025 at 9:18m

    Tha Achd a tha ag amas air cleachdadh Cànan Soidhnidh Bhreatainn (BSL) a bhrosnachadh ann an Alba air beatha làitheil luchd-cleachdaidh BSL a leasachadh gu mòr, a rèir aithisg le BPAan air Comataidh Co-ionannachd, Chòraichean Daonna agus Ceartas Catharra Thaigh an Ròid. Dh’innis luchd-ùidh don Chomataidh gu bheil an Achd air BSL a dhèanamh nas … Leugh an corr de Fios naidheachd: Lagh Cànan Soidhnidh na bhuannachd air leth, ach tha dùbhlain ann fhathast

  • Fios: Comataidh Thaigh an Ròid a’ tadhal air coimhearsnachdan croitearachd san Eilean Sgitheanach
    by Oifigear Gàidhlig on Dia, 25 Sult 2025 at 10:06m

    Thadhail buill de Chomataidh Chùisean Dùthchail is Eileanan Thaigh an Ròid air ceithir croitean anns an Eilean Sgitheanach air an deireadh-sheachdain mar phàirt den sgrùdadh aca air Bile na Croitearachd is Cùirt an Fhearainn. Bha a’ Chomataidh airson bruidhinn gu dìreach ri croitearan mu mar a bheireadh molaidhean a’ Bhile buaidh air coimhearsnachdan croitearachd. Thadhail … Leugh an corr de Fios: Comataidh Thaigh an Ròid a’ tadhal air coimhearsnachdan croitearachd san Eilean Sgitheanach

  • Fios naidheachd: Tha Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba a’ caoidh an Fhìor Urr Sir Seòras Reid nach maireann
    by Oifigear Gàidhlig on DiC, 13 Lùna 2025 at 12:54f

    Dealbh: Portraid oifigeil de Sir George Reid leis an dealbhdair Harry Benson CBE © Harry Benson Tha Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, am Fìor Urramach Alison Johnstone BPA, a’ caoidh an t-seann BhPA agus seann Oifigeir Riaghlaidh, am Fìor Urramach Sir Seòras Reid, às dèidh a bhàis ann ann uairean tràtha na maidne, Dimàirt 12 Lùnastal. … Leugh an corr de Fios naidheachd: Tha Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba a’ caoidh an Fhìor Urr Sir Seòras Reid nach maireann

  • Fios naidheachd: Tasgadh a dhìth sa bhad gus gàrradh-iarainn a shàbhaladh
    by Oifigear Gàidhlig on Dih, 4 Iuch 2025 at 9:34m

    Tha feum air tasgadh sa bhad gus gàrradh-iarainn na stàite, Ferguson Marine Port Ghlaschu (FMPG), a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd. Seo co-dhùnadh aithisge ùire le Comataidh Sgrùdadh Poblach Pàrlamaid na h-Alba às dèidh don Chomataidh beachdachadh air measadh 2023/24 air Ferguson Marine le Sgrùdadh Alba. Dealbh: Dave souza, CC BY-SA 4.0 https://creativecommons.org/licenses/by-sa/4.0, via … Leugh an corr de Fios naidheachd: Tasgadh a dhìth sa bhad gus gàrradh-iarainn a shàbhaladh

  • Cò bh’ ann an Nighean Sheadna? An t-ainm-àite neo-àbhaisteach aig Sgìre Phàrlamaideach.
    by Oifigear Gàidhlig on Dih, 11 Gibl 2025 at 9:09m

    Thàinig mòran ainmean sgìrean-pàrlamaid Pàrlamaid na h-Alba bhon Ghàidhlig o thùs. Tha eachdraidh air leth inntinneach aig aon ainm sgìre-pàrlamaid ann an Glaschu agus tha e ag innse tòrr dhuinn mun bhaile. Bhruidhinn an sgioba Gàidhlig againn ris an eòlaiche ainmean-àite, an t-Oll Alasdair MacIlleBhàin, Òraidiche ann an Onamastaig Cheilteach aig Oilthigh Ghlaschu agus ùghdar … Leugh an corr de Cò bh’ ann an Nighean Sheadna? An t-ainm-àite neo-àbhaisteach aig Sgìre Phàrlamaideach.

  • Who was Nighean Sheadna? The Gaelic mystery of a Glasgow constituency name
    by Oifigear Gàidhlig on Dia, 10 Gibl 2025 at 12:30f

    Many of the Scottish Parliament constituency names come originally from Gaelic. One constituency name in Glasgow has a particularly interesting history and tells us a lot about the city. Our Gaelic team spoke to place-names expert Dr Alasdair Whyte, Lecturer in Celtic Onomastics at Glasgow University and author of the recent book Glasgow’s Gaelic place-names. … Leugh an corr de Who was Nighean Sheadna? The Gaelic mystery of a Glasgow constituency name

  • Fios naidheachd: Beachdan gan sireadh air Cànan Soidhnidh Bhreatainn
    by Oifigear Gàidhlig on Dia, 10 Gibl 2025 at 10:46m

    Comataidh a’ rannsachadh taic Riaghaltas na h-Alba agus bhuidhnean poblach airson Cànan Soidhnidh Bhreatainn Deich bliadhna às dèidh Achd Cànan Soidhnidh Bhreatainn (Alba) tighinn gu bith, thèid sgrùdadh a dhèanamh le comataidh aig Taigh an Ròid air na rinn Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean poblach gus dèiligeadh ris na cnapan-starra a tha mu choinneamh luchd-cleachdaidh … Leugh an corr de Fios naidheachd: Beachdan gan sireadh air Cànan Soidhnidh Bhreatainn

  • Suirbhidh com-pàirteachais
    by Oifigear Gàidhlig on Dia, 10 Gibl 2025 at 9:59m

    Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh beachdan an t-sluaigh air mar a tha iad a’ gabhail pàirt san obair againn. Ma tha thu thu air a bhith an sàs ann an obair na Pàrlamaid roimhe, cò ris a bha e coltach? Mur eil thu air a bhith an sàs ann roimhe, dè tha gad chumail … Leugh an corr de Suirbhidh com-pàirteachais