- Post Titleby Rody Gorman on DiD, 26 Lùna 2012 at 9:24mcruth bhuam air astar is an uair sin gun sgeul air – geàrr 
- Post Titleby Rody Gorman on Dih, 6 Iuch 2012 at 9:10msa choille-challtainn cùl rinn sa Chèitean, cat-cinn, caitean 
- Post Titleby Rody Gorman on DiD, 24 Ògmh 2012 at 8:32mna mo leabaidh sa mhadainn, a’ tuiteam air ais nam shuain agus Checkov agam air mo bhilean 
- Post Titleby Rody Gorman on DiL, 4 Ògmh 2012 at 4:48fscáth solais ag dealramh i gcumhdach le gruaimhín an bhealaigh mar a bhfuil ór Muire faoi bhláth 
- Post Titleby Rody Gorman on DiS, 26 Cèit 2012 at 8:16msliabh a’ nochdadh thall ud is uisgeachan Iòrdain a’ sruthadh seachad – Gilead 
- Post Titleby Rody Gorman on DiL, 21 Cèit 2012 at 8:22mbeum-slèibhe sa bhealach far an rachamaid a’ sìtheadh nar linn leis a' bhruthaich 
- Post Titleby Rody Gorman on DiC, 16 Cèit 2012 at 3:22ftòrradh feasgar Diluain, clachan taobh ris a’ chuan, ciùin agus làn 
- Post Titleby Rody Gorman on DiM, 15 Cèit 2012 at 2:46fna beannachdan àbhaisteach aig an tòrradh aig an doras: tha mi duilich, chan eil guth ri ràdh 
- Post Titleby Rody Gorman on DiL, 16 Gibl 2012 at 8:36mbog braonach mar is dual ar maidin, préachán anuas ón gcrann is muid ag siúl beirt ar an mbán 
- Post Titleby Rody Gorman on DiM, 10 Gibl 2012 at 3:27fdol-fodha-na-grèine ‘s an t-sìorraidheachd air cuairt ghoirid os cionn Beinn a’ Bhràghad 
- Post Titleby Rody Gorman on DiS, 7 Gibl 2012 at 10:13mDihaoin’ a’ Cheusta leam aig baile, mo ghaol air taobh thall na Maoile ‘s na taighean-seinnse dùinteann an dachaigh nan sean anns a' Ghearastan, duineachan ris an uinneig a’ sealltainn a-mach air a’ bhearradh os a chionn 
- Post Titleby Rody Gorman on DiC, 22 Gearr 2012 at 9:45mann an Helmand air ùir air a seacadh, fear ag iomain a chuid chaorach tro bheàrn air cho beag anns a’ ghàrradh 
- Post Titleby Rody Gorman on DiD, 19 Gearr 2012 at 11:51mna làithean a’ falbh air mo bheulaibh ‘s na dathan, geal, dubh, dubh ‘s buidheachas mu dheireadh 
- Post Titleby Rody Gorman on Dih, 17 Gearr 2012 at 10:44mìsle-làin ‘s mnathan air an glùin ann an sreath sna faochagan mar ghrìogagan air paidirean 
- Post Titleby Rody Gorman on DiD, 22 Faoi 2012 at 9:10mAon turas, an taobh thall nan sùmainn,Fhuair mi dalladhDe dh' eun gealIs thuit mi an gaolLeis a' mhearanA bhios ga thathaich.(Akiko) 
- Post Titleby Rody Gorman on DiS, 21 Faoi 2012 at 9:25mAgus mi air ceann mo thuraisA thoirt a-mach mu dheireadh thall,Tha mi mothachailGu bheil mi air a bhith nam dhallAir nach eil eagalBhon dorchadas.(Akiko) 
- Post Titleby Rody Gorman on Dih, 20 Faoi 2012 at 7:56m'S mi a' dlùthachadhRi baile na beinneTro chamhanaich an earraich,Bidh mi a' cluinntinn clag dol-fodha-na-grèine'S e a' bualadhTro bhileagan a' falbh le gaoith.(Noin) 
- Post Titleby Rody Gorman on Dia, 19 Faoi 2012 at 8:33mFeumaidh mi dealachadh riutAch ma chluinneas mi fuaimNan giuthas a tha fàsMu Loch an Tuim,Thig mi air aisAnns an spot.(Aiwara no Yukihira) 
- Post Titleby Rody Gorman on DiC, 18 Faoi 2012 at 8:48mBidh mi ri laigheGu ruig' eadradh-na-maidne'S ag èisteachd ri balaich na h-aibhne'S iad ag iomradh air Allt na Bèiste.(Yakamochi) 
- Post Titleby Rody Gorman on DiM, 17 Faoi 2012 at 8:21mdè tha e smaoineachadh ris fhèin, ag iasgach is am feasgar a’ teireachdainn, am bodach air gob Leac nan Uan? 
